Skip to main content

‹‹‹ prev (186)

(188) next ›››

(187)
BHO M' LEx\.BHAR-LATHA. 147
Fràulein Bauer. Bha am feasgar gle bhlàth. Bha na
soìthichean-seòlaidh anns an robh uaislean a mach ri
luingearachd a' sealtuinn cho bòidheach. Eàinig sinn
Gosport ro luath, 'us b' fheudar dhuinn feitheamh deich
mionaidean mu 'n d' fhuair sinn gu tir. Ghabh mi
beannachd an so le Màiri Leiningen ghaoil a bha tilleadh
do 'n Ghearmailt air an ath latha. Bha na carbadan-
smùid mòr breagha againn fhèin 'g ar feitheamh agus is
iad a tha nan toileachadh.
Bha 'n oidhche ciatach. Thàinig an Eidire Uilleam
Jenner do 'n charbad aig Basingstoke agus stad sinn mu
leth-uair an dèigh deich aig Banbury a dh' fhaotuinn
rud-eigin ri itheadh, agus chaidh mise' luidhe beagan
roimh dhà-uair-dheug.
Diciadaoin, an ceathramh latha deug de
cheud mhìos an Fhoghair.
Fhuair mi deadh fhois, agus bha mi air mo chois 'us
m' eudach orm aig ochd, no goirid na dheigh. Bha
sinn an uair sin seachad air Melrose. Bha 'n ceò cho
tròm, agus an iarmailt cho tuigh 's gur gann a chith-
eamaid nì. B' e Fountaiiihall an t-àite stad dùthcha
mu dheireadh air an d' thàinig sinn seachad agus
'an sin thàinig seann Mhr Lawson am marsanda sìl
ainmeal a bha aon uair na Phrol)haisd 'an Dunei-
deann, far ann robh sinn, agus thug caileagan beag
a bha 'n sin bad 'fhlùraichean do m' leanaban (mar
a their sinn fhathast ri Beatrais). Ghabh sinn seachad
air Portobello agus 'am beagan mhionaidean bha sinn
aiir àite stad carbad-na-smùid — an t-àite stad uaig-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence