Skip to main content

‹‹‹ prev (182)

(184) next ›››

(183)
BHO m' leabhar-latha. U5
ro-laghach — agus bha esan ag ràdh gu 'n robh Sèumas
so am fear bu shine na leanabh tapaidh math. Tha
na h-uile neach cho làn co-fhaireachdain agus a' noch-
dadh de chaoimhneas. Is taitneach ri' fhaicinn mar a
tha iad uile cho iomaguineach air son corp an leinibh
bhochd fhaotuinn. Is e a cheud rud 's a' mhaduinn
agus an rud niu dheireadh 's an oidhche e, agus is obair
thròm e re nan làithean fada so. Ach tha a leithid de
bhròn air na h-uile neach air son an sgioraidh mhulad-
aich so. 'N uair a bha sinn aig ar dinneir fhuair sinn
fios gun d' fhuair iad an corp beag air eilean aig Pan-
anaich, fodh Bhailatair agus gu 'n robh iad a deanamli
deas air son a thoirt dachaidh gun dàiL
Disathurna, an còigcanih latha dcug
de 'n mhìos bhuidhe.
An deigh ar tràth-nòiu, aig ceathramh roimh thrì
uairean chaidh mi a' dh' ionnsuidh na cadh'-chliadh 'n
iar anns a' charbad leis an dithis chloinne agus chun-
naic sinn an tiodhlacadh agus an shiagh uile a' gabhail
an rathaid cho chianail agus cho socrach ; thill sinn air
ais' us ghabh sinn seachad air an drochaid agus sinn a
faotuinn plathadh de 'n chòmhlan bhrònach an dràsda
agus a rithist. Chunnaic sinn iad an siu a tighinn 'n
ar coinneamh 'us thill sinn a dh' ionnsuidh na drochaide,
far an do sheas sinn gus an deachaidh iad seachad.
Bha mu dheich duine fichead ann uile gu lèir, bha
athair na cloinne ann — an duine bochd — 'us bha Seumas
Brùn agus Uilleam a bhràthair ann, 'us bràthair Fhrànn-
saidh, agus Alasdair Leys agus an tuathanach Mac-
K

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence