Skip to main content

‹‹‹ prev (180)

(182) next ›››

(181)
BHO M' LEABHAli-LATHA. 143
e seann-mhàthair na cloinne. Chaidh sinne' stigh an
deigh sin agus air bòrd fo anart geal ann an ceann-
ceatharna 'n tighe, bha 'n leanabhan bòidheach neochion-
tach 's gun e ach tri bliadhna a dh' aois. Thog iad an
t-anart 'us be 'n leanabh reamhar ciatach e, agus e
sealltuinn dìreach mar gu 'm biodh e 'n a chadal. Cha
robh milleadh sam bith air, 'us bha e na eudach mairbh
agus a làmhan paisgte 'us rughadh bòidheach 'na
ghruaidhean, bu chianail an sealladh e. Leig mi le
Beatrais fhaicinn, agus bha mi toilichte gur ann 's an
dealbh dhrùighteach agus bhòidheach so a chitheadh i
'm bàs air son a cheud uair.
Thàinig an sin a' mhàthair bhrònach a stigh, cho
chiùin agus cho sàmhach, chaoin i beagan an toiseach 'n
uair a rug mi air a làimh, agus a dh' innis mi dhi mar
a bha mi a faireachduinn air son a leòn, agus air son a
denchainn chruaidh. Thiormaich i a deòir, agus thuirt
e leis an earbsa mhòir agus anns an spiorad striòchdaidh
do thoil an Fhreasdail a tha cho làidir anns an t-shiagh
so " Feumaidh sinn feuchainn ris a so a' ghiùlan, agus
ar dòchas a' chur anns an Uile-chumhachdach."
Is e Alasdair a b'-ainm do 'n ghille-bheag bhochd.
Tha i fhein na boireannach tana glas dorcha, deadh
bhean air ani bheil coltas glè eireachdail. " Cha b'
ann ga toil fhein a dh' fhalbh i air an latha sin " thuirt
a' màthair-cheile ach b' e 'n duine aice a thug oirre falbh
a dh' fhaicinn a' màthar. Tha aon mhac beò aice
fhathast agus dà chaileig, ach chaill i 'n t-aon bu shine
agus an t-aon a b' òige 'g a teaghlach. 'N uair a bha
mi falbh thug mi dhi ni-eigin, bhean sin ffu mòr rithe

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence