Skip to main content

‹‹‹ prev (178)

(180) next ›››

(179)
BHO M' LEABHAK-LATHA. 141
tuathanaich agus beagan f o 'n bhùth aig bean MhicPhea-
droin tha e gabhail seachad fo' dhrochaid bhig agus a
tuiteam anns an abhainn agus chuala sinn gur a th' ann
a' cluich ri' thaobh a bha 'n dà ghille bheag, bha fear
dhiubh tri bliadhna dh' aois agus am fear eile eadar
deich agus aona-bliadhn' deug. Cha 'n 'eil ann am biche-
antas ach àlltan beag, ach bha beum-slèibhe an diugh
ann. Bha 'n abhainn i fhèin air at cho mòr 's nach
faicte clach innte. Tliuit am fear beag 's an allt 's am
fear eile 'g iasgach, 'us leum esan an sin a stigh a thear-
nadh a bhràthar. Bha clann Abercrombie leotha agus
ghlaodh iad cho àrd 's gu 'n cualas iad, ach mun d'
ràinig duine iad thug an sruth leis a stigh do 'n abhainn
iad. 'S e gnothuch cianail a th' ann ! A reir mar a
chuala mi air mo rathad dhachaidh, bha màthair na 'm
balachan bochda air falbh bho 'n tigh 'n uair a thachair
an sgioradh so ; bha i air falbh a' sealltuinn air a màtliair
fhèiu a bha 'n a luidhe an coltas bàis agus chaidh am
fear 'bu shine a chumail as an sgoil a thoirt an fhaire
air an fhear bheag.
Ghabh sinn suas gu tigh bean a' Ghranntaich 'us
ghabh sinn ar tca an sin. Choisich sinn an dèigh sin
air adhart ri taobh na h-aibhne 'us chuala sinn gu' n do
thill am bàta 's nach d' fhuair iad an ionndrainn. 'N uair
a ràinig sinn ni bu dlùithe air a' chaisteal, chunnaic
sinn feadhain air bruachan na h-aibhne a rùrach a
measg nan creag le maidean agus bha athair na cloinue
na 'm measg. Be 'n sealladh brònach fhaicinn a' seall-
tuinn air son colainnean a leanaban bochda, agus e a
sior shal.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence