Skip to main content

‹‹‹ prev (166)

(168) next ›››

(167)
BHO M LEABHAK-LATHA. 129
r' feitheamh ga 'r toirt gu Loch Katrine, agus iia h-eith-
richean a bha g' ar 'n-iomradh a dh' ionnsuidh, "A
chladaich airgeadaich." Dh' fhalbh mi fhèin 's na cail-
eagan 's Ban - mhorair Churchill direach mar air na
làithean roimhe, ach 'n uair a ràinig sinn cha leigeadh
an t-uisge leinn rud 's am bith a dheanamh ; ach ghabh
sinn ar tea 'am bata-na-smùid, 'us thill sinn dachaidh
agus ràinig sinn an tigh aig leth-uair an dèigh seachd.
Diciadaoin, an t-ochdavih latha de mhìos
meadhoin an Fhoghair.
Bha oidhche chruaidh agam leis a ghreim-lònaidh
na m' chois. Dh' eirich nii beagan an dèigh naoi
uairean, agus 's gann a b' urrainn domh mo chas a chur
fotham, ach cha robh tinneas cridhe 's am bith orm,
ghabh mi mo thràth-maidne leam fhein, ach cha mliòr
a b' urrainn domh' ghabhail. Dh' fhan mi aig an tigh
a leughadh 's a sgriòbhadh 's a gabhail sèimheanachd
'an àiteachan suidhe socrach. Theirinn mi gu 'm thràth-
nòin leis a chloinn do sheòmar-na-cuideachd 'us chuid-
ich am Brùnach mi a theirneadh 's a dhireadh na
staidhreach. Leig mi ni' anail 'an deigh sin agus aig
fichead mionaid romh cheithir chaidh mi mach anns a'
charbad le Sìne Churchill ann an dòigh shamhach
laghach a bha glè thaitneach. Cha robh 'n latha ro
shoillear 's cha 'n fhaiceadhmid fada uainn, ach bha
greadain shoillseach ann an dràsda 's a rithist a bha cur
sealladh breagha air an dùthaich àillidh. Ghabh sinn
air adhart gu Loch Menteith air a' cheart rathad a ghabh
sinn Diardaoin, 's bha iongàntas oirnn cho ghoirid 's a
I

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence