Skip to main content

‹‹‹ prev (162)

(164) next ›››

(163)
BHO M' LEABHAH-LATHA. 125
a' marcachd aig aon-uair-deug, niise air " Sultan " agus
ise air " Beatrais " bheag aice fhèin, thug sinn niu uair
a muigh is chaidh sinn an toiseach suas ri cùl an tuath-
anachais agus suas greis air feadh na 'm bruthaichean
fraoich' us rannaich a bha nùll ri cùl an tighe, chunnaic
sinn Loch Dròngaidh 's cha mhor nach robh e tioram,
's thug sinn sgriob gu " Drochaid Tuirc " 'us thill sinn
air rathad nan stàbull a dh 'ionnsuidh an tighe. Lèugh
mi 'n ùrnuigh, an litir, an soisgeal, agus an dara leasan
air son an latha leis an dà chaileig. Lèugh Beatrais
an earrann ma dheireadh dhe.
'N uair a bha sinn aig ar tràth-nòin shil e air an uisge,
ach cha robh e fada gu 'n turadh a dheanamh agus rinn
e feasgar blàth breagha, ghabh mi sràid a mach aig leth-
uair an dèigh còig le Liùsaidh, 'us Beatrais, agus Sìne
ChurchiU. Stad sinn aig an tigh 's am bheil an gille-
seilg Maclsaic agus a bhean a' fuireach. An deigh tacan
coiseachd a' dheanadh uaith sin chaidh Beatrais 'us mise
air adhart greis air rathad na Tròsaich anns a' charbad,
'us thàinig sinn dhachaidh a rithist aig leth-uair 'an
dèigh seachd.
Diluain, an siathamh latha de vihìos
vicadhoin an
Bha ceò tròm ann, 's a mhaduinn mhoich ach thog an
latha 'an dèigh sin 'us bha e 'n dà chuid soiUear 'us
blàth. Dh' eirich mise le ceann glè ghoirt. Aig còig
mionaidean romh aon-uair-deug mharcaich mi air falbh
le Beatrais. Bha Sharp mo dheadh chù leam. Bha A.
Mac-Thomais, agus Mac-Uaraig, na 'r dèigh. Mhar-
caich sinn air an rathad air an do thill sinn an de asus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence