Skip to main content

‹‹‹ prev (159)

(161) next ›››

(160)
122 TUILLEADH DHUILLEAG
boghachan saighead. Tha sean chladh chlann Ghriogair
ann am fear eile dhiubh ris an aVìrar Innis-Caillich.
'S ann an Innis-a-mhurrain a null nainn ris am laimh
dheis a tha frìdh nam fiadh aig an Diùc Ghrèumach.
Agus chunnaic sinn an tigh aige, Buchanan House air a
mhòrthir agus chaidh sinn seachad air Cnoc-Chòrnaic.
Thùinig a ghrian ris beagan an dèigh dhuinn dol air
bòrd bata-na-smùid 's bha seideadh gu math cruaidh
ann do ghaoth an ceann. Stad sinn aig dà uair aig
Port-an-Eilean 'us ghabh sinn ar tràth-nòin. Bha 'm
biadh againn fhèin leinn, ach ghabh sinn e 'an seòmar
biatachd a bhàta, a tha cho mòr 's gu 'm feudadh leth-
cheud no tri-fichead sluaigh suidhe sios gu socrach gu 'n
dinneir ann. Ghabh Còirneal Ponsonby a thràth-nòin
leinn . . . 'us chaidh sinn 'an dèigh sin air adhart
gu Beallach 'us thill sinn an sin. Bha 'n latha gle bhlàth.
Chaidh sinn seachad ris an lànih chlì air tighean breagha.
'S ann a bha iad coltach ri caisteil, na 'm measg bha
" Camshron," àite Mr Smollett ; Arden àite an Eidire I.
Lumsden, Probhaiste Ghlaschu ; agus an Poss-Dubh àite
an Eidire Sèumas Mac - a - Chòmbaich, chaidh sinn
seachad air an rathad a tha dol gu Gleann Freòin, 's
air Innis-Chonachain, 's Innis-an-t-Shamhanaich, 's air
an Stob Ghoblilach, 's air baile beag lagliach Luss, 's
air a Bheinn-duibh 's air port Inbher-Ùglais a tha mu
choinneamh Pù-'aird-eunain. Kàinig sinn an Tairbeart
'an deigh sin, l^aile beag 's an deachaidh Ailbeart gaoil
air tir an 1847, tha na monaidhean 'us maisiclie a
tighinn oirnn 'an so agus feadhainn eile nis àirde ag
eirii^h a null ri 'n cùl 's tha beallaich chiatach ann \ì\n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence