Skip to main content

‹‹‹ prev (153)

(155) next ›››

(154)
116 TUILLEADH DHUILLEAG
taobh nan lùban bòidheach aige cho choltach ris an
Axenstrasse a tha làmh ri Loch Lucerne leis cho àrd
sgorrach uaine 's a tha na beanntan ag eirigh cho chas
uaithe. Tha ceithir mile air fad 's an loch blireagha so.
Tha rathad iaruinn gun chriochnachadh ri taobh 'n iar an
loch, rathad air son aon sreath de charbaid-smùid agus
chuir fhaicinn cho iosal ri oir an uisge an Axenstrasse
a rithist na m' chuimhne. Tha 'n rathad a dol air
adhart fodh chraobhan breagha sycamore. Chaidh sinn
seachad ris an làmh dheis air tigh-tuathanachais Aird-
hùlairidh, far am b' àbhaisd Bruce am fear turais a bha 'n
Abyssinia a bhi fuireach. Dh' inntrich sinn 'an dèigh sin
Strath-tethir — srath breagha farsuing fosgailte làn coille
'us achaidhean arbhair 's am fraoch cho bòidheach dhearg
air na monaidhean. Cha 'n 'eil 's a' bhaile bheag a tha so
ach aon sreath de thighean chosnaichean 's tha 'n skiagh
gle bhochd, tha tigh òsda beag laghach ann. Tha tigh
òsda anabarrach grinn beagan nis faide air adhart ris an
abrar Tigh-an-Eigh, 's an aghaidh aige uile còmhduichte
le flùrain bhòidheach a bha cinntinn suas ris a bhalla.
Thionndaidh sinn 'an so ris an làmh chli a dhol gu
Bochuiddir gleann a tha glè àillidh agus bho 'm faighear
sealladh ciatach air Loch Mhòil le a bhruthaichean àrda
breagha " Thc Bracs d Balquhiddcr." Tha 'n sràth
fhèin glè l)hreagha le chraobhan mora, 's le achaidhean
arbhair, 'us an abhainn bheag a ruith troimhe ris an
abrar " A Bhalbhag." Mu dhà mhìle air adhart chaidh
sinn seachad air a dhà na trì de thighean beaga laghach
's iad còmhduichte le tlùrain mar a bha 'n tigh-òsda
a dh' ainmich mi. Stad sinn ri ceann a niach baile

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence