Skip to main content

‹‹‹ prev (143)

(145) next ›››

(144)
106 TUILLEADH DIIUILLEAG
làimhe deise dhe 'n tràiinsa 's tha e fhein 's an corr dhe
'n tigh lùle glè choltach ri tigh Moraire Dalhousie 'an
Inbher-Mairc ; ach gu 'r e so tigh is lugha. Tha 'n
staidhir mu choinneamh an doruis mhoir agus tha
trànnsa aig a bràighe' tha ruith bho 'n làimh dheis thun
na làinihe clith, agus tha na seòmraichean aig Liùsaidh
'us aig mo chagaran Beatrais a' fosgladh dhe. Tha 'n
seòmar suidhe beag clùmhar agam fhèin, agus nio
sheòmar cadail 'an so cuideachd. Tha mo sheòmar
cadail mor math agus tha dithis bheag eile a' fosgladh
dhe, fear air son ni' eididh agus am fear eile air son
m' ionnlaid agus tha 'm fear aig Aimili Dittweiler ann.
Mu 'n cuairt dhe 'n oisinn, beagan air adhart air seòmar
Liùsaidh tha 'n fheadhain aig Ban-mhorair ChurchiU 'us
aig a bean-fhrithealaidh, agus fear Còirneal Ponsonby, 's
iad uile farsuing gasda. Tha staidhir làimh ris an
t-seòmar èididh agamsa a tha dol gu ùrlar eile air am
bheil àiteachan luidhe a' Bhrùnaich 's na 'n seirbhiseach
eile. Tha na seòmraichean uile gle chomhfhurtail 's
iad air an àirneasachadh cho sìmplidh 's èudaichean
ùrlair ùr air na h-uile h-aon diubli. '8 duilich leinn
Kanne a bhi tinn, 'se e Jungbluth an còcaire 'tha
seasamh àite mar Stiùbhard, agus is e sheùl dhuinn uile
ar seòmraichean.
Ghaljh sinn uile ar tca 'us leig sinn ar 'n anail air son
greis agus aig fichead mionaid roimh shia uairean chaidh
mi mach anns a' charbad leis an dà chaileig 'us Ban-mho-
rair ChurchiU. Bha mo ghaol beag Beatrais cho toi-
lichte agus cho math. 'S i so a ceud sgrìob leinn gu 'n
bhan-oidioiiiisucliaidli a i>hi leatha. IV fheudar dhuinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence