Skip to main content

‹‹‹ prev (141)

(143) next ›››

(142)
104 TUILLEADH DHUILLEAG
Grannt agus Hiley an gille stabuill leis na h-eich bheag
againn agus triùir chòcairean a thainig a' Lunainn.
Bha carbad smùid 's an robh seòmar mòr againn, ach
cha b' e' 'm fear agam fhèin a bh' ann. Bha e glè
theth againn anns a' charbad. Stad sinn aig Abar-
eadhain, agus aig drochaid Dhùin agus 'an sin thàinig
Sìne Churchill a stigh far an robh sinn 'us ghabh i a
tràth-nòin leinn ; ach cha robh neach againn a' chui-
dicheadh na' n rudan a bha dhìth oirnn a thoirt a'
mach no a chur seachad, mar a bhitheas againn na 'm
charbad fhèin, anns am bheil na h-uile ni cho ghoir-
easach, agus àiteachan nan seirbheasach a' fosgladh ris
na seòmraichean againne.
Stad sinn tiotan aig Coupar-Aonghas, ghabh sinn
tromh Pheairt 'us dh' fhan sinn greis bheag eile aig
Dùn-Bhlathain, far 'n do chruinnich mòran sluaigh.
Fhuair sinn sealladh de 'n t-seann àrd-eaglais, 's bho so
ghabh sinn air adhart gu Calasràid agus ràinig sinn e
aig ceathramh an deigh thrì uairean. Bha grùn math
sluaigh a bha gle mhodhail aig àite stad sàmhach an
rathaid iaruinn ann an so. Bha Mr Mac-Neachdain
agus a' bhean aige — a bhaintighearn Aimili^ — ga 'r
feitheamh 'an sin. 'Se 'n tigh acasan ga 'm bheil sinn
'a dol, thug iad gu caoimhneil iasad dhuinn dhe. Bha 'n
Ridire Callum Macghriogair, agus a' bhaintighearn'
Eilidh a bhean ga 'r feitheamh cuideachd. Is esan
mac bràthar na maighdinn uasail Nicghriogair agus
is i a' bliean nighean bràthar Bain-tighearn Aimili Nic-
N^achdain.
1 Dli' eugi 'iin 1874.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence