Skip to main content

‹‹‹ prev (138)

(140) next ›››

(139)
BHO iM' LEABHAK-LATHA. 101
BAISTEADH EILE AN 1868.
Air diluam a cheud latha de 'n gheamhradh dh' fhàg
mi 'ii tigh aig ceathramh romh cheithir. Bha Liùsaidh,
Beatrais 'us Sine Ely leam, 'us shuidh Leopold leis a'
Bhrùnach air toiseach a' charbaid. Chaidh sinn gu
Bush — tigh Uilleam Brùn a dh' fhaicinn a cheud leinibh
air a bhaisteadh, cha robh e ach seachdain a dh' aois
agus 's e Ailbeart a bha ri bhi mar ainm air. 'S i 'n aon
t-seirbhis a bh' ann 's a chaidh a dheanamh air a bhais-
teadh eile, ach nach robh ach dà ùrnuigh 'an so an àite
na trì a bha aig a' bhaisteadh roimhe. Bha màthair òg
an leinibh a' sealltuinn cho laghach 's i' na suidhe taobh
an teine leis, 's gun e ach seachdain a dh' aois. Bha
bean an t-sean Bhrùnaich ann le a curachd geal oirre,
's i fhein 's a triùir mhac, 'us a dhà no trì dlie na coimh-
earsnaich na 'n seasamh mu 'n cuairt de 'n t-seòmar.
Bu shealladh drùighteach an t-athair òg fhaicinn a'
cimiail suas a leinibh 'us coltàs cho sòluimte agus cho
dùrachdach air. An dèigh dhuine falbh thug Uilleam
dinnear do na dh' fhan dhe 'n chuideachd 'us ghabh an
Dr Mac-an-Tàilleir a cliuid dhi leòtha.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence