Skip to main content

‹‹‹ prev (120)

(122) next ›››

(121)
BHO M LEABHAE-LATHA. 87
an t-uisge air sileadh beagan an deigh dhomh èirigh,
'us shil e gu aon-uair-deug. Thug mise greis air leugh-
adh 's air sgrìobhadh 'us mar sin sios. Thog an latha
aig leth-uair an dèigh aon-uair-deug 'us mharcaich mi
suas an gleann cumhann. Tha sruthan a' ruith troimh
ris an abrar "Allt-a-ghàraidh." Tha e ruith troimh 'n
ghàradh-chcàil agus tha a bhruachan còmhduichte le
rainnich 'us aiteau 's le fraoch 'us barrach agus gach
seòrsa lus. Chaidh Liùsaidh leinn d' a cois. Eàinig
sinn dlùth air a bhràighe 's choisich sinn air ais,
chaidh sinn an dèigh sin a dh' ionnsuidh na 'n stàbull
a tha goirid bho 'n tigh agus chunnaic mi an sin Pàruig
Stiùbhart sean ghiUe-seilg a bha ceithir, 'us trì fichead
bliadhna a dh' aois. Bha e 'na shaighdear anns an
Eeiseamaid Ghòrdanaich agus tha Cuithneadh Cuimh-
neachain aige air son Waterloo. Bha 'n Diùc nach
mairionn ro ghaolach air. Thill sinn a dh' ionnsuidh
an tighe aig fichead mionaid roimh aon uair. An dèigh
so bha latha blàth breagha ann. Ghabh mi mo thràth-
nòin na m' sheòmar fhèin le Liùsaidh. Shuidh sinne
aig a' bhòrd bheag dhe 'n do gabh sinn ar tràth-maidne.
Bha 'n Eosach agus Pìobaire an Diùc a' cluich taobh
muigh na h-uinneige.
An dèigh ar tràth-nòin chaidh mi 'mach a' marcachd
air Sultan an t-each beag a' mharcaich mi anns a'
mhaduinn. Bha Liùsaidh 'us Sìue Churchill leam.
Choisich an Diùc leinn (chaidh Sìne greis dhe 'n
rathad d' a cois cuideachd) sios gu iochdar a' ghlinne :
Thionndaidh sinn a dh' ionnsuidh àth Bridgehaugh ris
an làmh chli, agus mu 'n cuairt dhe 'n Bheinn-mlieadh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence