Skip to main content

‹‹‹ prev (108)

(110) next ›››

(109)
BHO m' leabhae-latha. 77
Blia e làn sluaigh agus rinn iad gle mhaiseach e. Tha
mòran ann de sheann tighean 'us àiteachan eachdruidheaL
'S ann an so a dh' èug an IV. Eigh Calluni ; bha Uilleam
ris an abairte an Leòmhann agus an II. Eigh Ahasdair
a' fuireach ann ; agus is' ann a phòs an III. Ah^sdair a
dhara bean Joletta nighean Comte de Dreux ; b' i Bàn-righ
Màiri an t-uachdaran rioghail mu dheireadh a thàinig
'an so a' chumail cùirt cheartais. Sheòl a' Bhan-diùc
dhomh ann an sràid taoibh, tigh anns an do luidh Ban-
righ Màiri gu tinn le fiabhrus. Ann an Cearnag a'
bhaile chaidh òraid a shìneadh dhomh mar a rinneadh
'an Kelso. Chaidh sinn an deigh sin sios bruthach cas
far an d' fhuair sinn deadh shealladh de 'n Abaid a tha
cho neònach 'n a dòigh fhèin ri te JMeh-ose. 'S e 'cheud
Daibhidh a thog i so cuideachd. Tha ballachan briste
seann Abaid eile a bha giè bhreagha ann an Kelso.
Bha ceithir de bhuaidh bhoghachan glè bhòidheach
an so ; agus bha aon diùbh air an robh dà sgriobhadh
a bh' air an deadh thaghadh, bha air aon taobh dhe,
" Freedom makcs all men to have lyhing," agus air an
taobh eile dhe bha, " Tìie love of all thy people comfort
thec."
Ghabh sinn suas ri taobh abhainn Jed, troimh
ghleann breagha làn coille. B' àbhaist do na Cùmh-
nantaich iad fhèin fholach anns na h-uamhachan 'tha
am measg na 'n clachan dearga 'tha 'm bruachan na
h-aibhne. Chaidh sinn seachad air Crailing àite Morair
Cranstoun. Thill sinn ann an sin 'us an uair abha sinn
dlùth air a' bhaile thionndaidh sinn a stigh do fhrìth
an Jed, suas ri bruthach gun cheann gun chrioch a bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence