Skip to main content

‹‹‹ prev (106)

(108) next ›››

(107)
BHO m' leabhae-latha. 75
an so cho faireaclidail 's a blia an sluagh, oir ged a bha
iad a mach agus a nochd iad an spiorad rìoghalachd,
cha robh comharradh gàirdeachais air bith ri fhaicinn,
agus cha leigeadh an cridhe leòtha iollach a dheanamh
agus an deadh mhaighstir Morair Polwarth 'na hiidhe
marbh 'n a thigh fhèin.
Cha mhòr nach robh e dorcha againn 'an sin ach
fhuair sinn dachaidh aig deich mionaidean roimh naoi.
Mharcaich Diùc Buccleuch leinn gus an robh sinn greis
seachad air Gladswood. Cha d' thàinig sinn troinih
Kelso idir air ar rathad dachaidh. An uair a bha sinn
a dol troimh Mertoun d' fhàg sinn seann tùr Sniailhohii
air ar làmh chlìth, 's ann a thachair na nithean sòn-
ruichte a tha air an innseadh anns an " Eve of St John "
cha do shuidh sinn aig ar dinneir gu letli-uair 'an deigh
naoi agus feumaidh mi aideachadh gu 'n robh mi gie sgìth.
Bha 'n dinneir air a bhi leth seachad mu 'n d' fhuair Diùc
Buccleuch tighinn. Bha Diùc agus Ban-diùc Eoxburgh
leinn agus Morair Bowmont, a' bhean aig a' Mhorair
Tearlach Carr, agus Mr Suttie. Cha robh a' Bhan-
nihorair Liùsaidh leinn a chionn nach robh i gu math,
cha ghabhadh bàrr toirt air an Diùc no air a' Bhan-
diùc air son caoimhneis 'us faicill, cha b' urrainn neach
a bhi ni bu chùramaiche na a bha iad mu m' dheighinn
— a faicinn anns gach dòigh nach cuireadh ni anns
an tigh dragh orm, cha d' fhan mise ach beagan mliion-
aidean shios an staidhir, an deigh na dinneir, chaidh
mi do m' sheòmar fhèin agus bha e 'n uair sin aon-uair-
deug. Chaidh càch do sheòmar cuideachd an tighe a
dh' fhaicinn feadhainn de na coimhearsnaich a thashuil.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence