Skip to main content

‹‹‹ prev (79)

(81) next ›››

(80)
50 TUILLEADH DHUILLEAG
Thug a' ghriaii a nis buaidh aìr a' cheò agus sgap i e,
's bu breagha 'blia 'n loch a' sealltuinn le a thaobhan
coillteach agus gach caochladh dath air duilleagan nan
craobh.
Aig leth-uair an dèigh da uair chaidh sinn a rithist
do ar carbadan, Dh' atharraich sinn na h' eich 'us thill
sinn air ais ri uchdach chas, Ghabh sin thairis air ab-
huinn Liobhann agus a stigh gleann Liobhann, 'S e
gleann àlltà breagha a tha ann le cnuic arda uaine, 'us
creagan 'us craobhau air am bheil deadh chuimhne
agam bho 1842 — 's e latha ceòthar a bha 'n sin cuid-
eachd ; bha 'n ceathach a' sgaoileadh' os cionn nan cnoc
agus a nuas ri 'n eudainn. Chaidh sinn seachad air mò-
ran a dh' àiteachan beaga dhaoin' uaisle — Tigh ghleann
Liobhann is le Caimbealach Troup, A null ris an làmh
clili tha baile beag Fairstrichill àite an Eidire Eaibeart
Meinearach agus àite ùr ris an abair iad Tigli Dhun-
abhuinn, Tha tighean còmhnuidh beaga grinn eile an
sud 's an so mu 'n cuairt, cuid leotha fhèin 'us cuid nan
grùnnan dhiubh, bha craobhan breagha de sycamorc
agus de sheòrsachau eile mu thaobh na h-aibhne, Ghabh
sinn an dèigh sin seachad air baile beag Cois-a-bhile agus
a mach rathad a' mhonaidh air bruthach cas 'us àllt a
ruith aig a bhun, a chuir leis na bha de choille uime
Allt mhic-Iain-Ruaidh na m' cliuimhne, Chaidh sinn
seachad air an t-sean chaisteal a bh' aig Stiùbhartaich
Ghart 'us thàinig sinn air càdhar fiadlniich loni 's a
rithist air adhart ri bun Shin-Chaillinn — aon de na mon-
aidhean àrda agus aig mullacli an rathaid thàinig sinn
air lochan beag ris an abrar an Ceannarduiche,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence