Skip to main content

‹‹‹ prev (60)

(62) next ›››

(61)
BHO m' leabhae-latha. 33
àite so, agus tliug m' fheudail de chomhairlean di mu 'n
chùis 's gu 'n robh sinn le chèile duilich nach robh esan
ann an sin 'g a fhaicinn.
Ghabh sinn tca 's an tigh a chaidh a thogail ann.
Tha a' Bhan-diùc air an dara taobh dhe gu lèir a
chumail dhi fhèin, agus tha i cur roimpe 'bhi 'fuireach
ann air uairean gun neach leatha ach a bancharaid
Nicghriogair. Chaidh sinu bho sin a dh' ionnsuidh
nam bà-theach — a tha h\mh ris na stàbuill — tha iad
air an lasadh suas le gas, 'us chunnaic sinn iad a leig-
eadh a chruidh. Bha crodh breagha ann de sheòrsa
siorrachd Inbher-Àir agus banaruichean glè laghach.
Tha Bhan-diùc a' cumail na h-uile ni ann 's an òr-
dugh 's am bu mhath leis an Diùc e bhi, Thill sinn
dachaidh aig beagan 'an dèigh seachd. Cha d 'rinn e
turadli fad na h-ùine, thòisich clag na h-àrd eaglais air
bualadh aig ochd uairean 'us ghabh mise iongantas gus
an d' innis a' Bhan - diùc dhomh gu 'm bu sheann
chleachdadh e — an clag-smàlaidh a bh' aca anns na
làithean a dh' fhalbh. Bha fuaim cho tiamhaidh aige.
An dinneir dìreacli mar a bha i 'n de.
Biciadaoin, an t-aona latha
cleug de mhìos deireannach an Fhoghair.
Maduinn bhochd bhog fhliuch eile. An uair a bha
mi aig mo thràth-maidne, bha mi duilich a chluinntinn
mar a bha casan a' Bhrùnaich bhochd air an gearradh
Diluain leis an fhèileadh aige 'bhi fliuch. Bha iad air
an gearradh direacli a 'm bac na h-easguid ged nach do
ghearrain e facal mu 'dheighinn ; 's bha iad an diugh
c

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence