Skip to main content

‹‹‹ prev (58)

(60) next ›››

(59)
BHO M' LEABHAR-LATHA. 31
fios aig a' Bhan-diùc c' àit am Lheil sinn," oir bha e
cho dorcha 's nach b' nrrainn dhi na àiteachan air an
robh i eòlach aithneachadh, mii dheireadh aig ceith-
reamh roimh naoi uairean ràinig sinn an tigh beag
clùmhar grinn, a th' aig a' Bhan-diùc 'an Dun-Chaillinn.
Tha 6 direach taobh 'muigh a' bhaile agus pàircean
farsuing breagha mu 'n cuairt da. Bha da ghille 'n an
deiseachan gàidhealach a' feitheamh ruinn aig an dorus
agus an stiùbhard leòtha. Mu 'n gann a dh' inntrich
sinn an dorus bha sinn air meadhoin na staidhre, oir
bha 'n tigh air a thogail ri taobh bruthaich. Thug a'
Bhan-diùc mise do m' sheòmar fhèin — seòmar beag
grinn — agus tha am fear aig mo bhean-èididh Màiri
Aindrea^ anns an ath-dhorus ris. Bha Eileag gu
h-àrd an staidhir làmh ris a' mhaighdean uasal Nic-
ghriogair air an dara taobh de sheòmar-cuideachd an
tighe a tha air a thoirt dhòmhsa air son seòmar suidhe,
agus tha seòmar na Ban-diùc air an taobh eile dhe. Tha
am Brùnach — an t-aon seirbhiseach eile a tha 's an tigh
— a cadal gu h-iosal, agus an Granntach ann an tigh a
mach. Bha 'n Seanalair agus Ban-mhorair Ely ag cadal 's
an tigh òsda. Ghabh sinn ar dinneir aig leth-uair an
deigh naoi 'an seòmar beag dinnearach a bha shios an
staidhir, cha robh aig a bhòrd ach Eilidh a' Bhan-diùc
a mhaighdean uasal Nicghriogair agus mi fhèin. Bha
na h-uile ni cho sànihach 's cho laghach. Bha a' Bhan-
diùc agus Nicghriogair ag gearradh na feòla dhuinn
agus tri seirbhisich a' frithealadh. Bha iad cho caoimh-
neil, agus bha sinn ag còmhradh niu thachartais ar
^ Dh' fhhg i mo sheirbheas an 1866.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence