Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
18 TUILLEADH DHUILLEAG
An Ridire Seòrus Grey,
Na Prionnsachan ALfred, Artair, agus Leopold,
A' Bhan-tighearna Churchill, àrd-bhean-choimheadachd na Ban-rìgh,
A' Bhan-phrionnsa Eilidh,
A' Bhan-phrionnsa Liùsaidh,
Prionnsa Crhn Phrussia
Prionnsa Louis Hesse,
Ban-phrionnsa Louis Hesse,
Ban-phrionnsa Crtin Phrussia,
A' BHAN-RÌGH,
Freiceadan de shaighdearan nan each.
Ghabh a' mhòr-chuideaclid so air adhart troimh na sràidean
dumhlaichte gun diog à ceann duine mar gu 'm biodh gach neach
airson nach rachadh ni a dheanamh nach biodh taitneach leis a'
Bhan - rìgh. 'N uair a ràinig iad aitreabh còisir comunn na
h-àirde tuath chaidh a' Bhan - rìgh, na prionnsachan, 'us na
Ban-phrionnsachan, an Eidire Tearlach Phipps,i Morair Tear-
lach Fitzroy, Maidsear-seanalair Hood, Dr Jenner, Seanalair Grey,
agus mnathan-uaisle us daoine-uaisle na coimheadachd, bho 'n
carbadan do 'n trannsa agus as a sin do sheòmar-cluich an tighe,
seòmar àrd breagha air am bheil cumadh leth uibhe ris a cheann
a 's dkiithe ri Terrace an Aonaidh. Thug am Probhaist an sin an
òraid a leanas do 'n Bhan-rìgh.
DO A MÒRACHD RO ÒIRDHEARC A' BHAN-RIGH.
Tha an òraid so, ann an irioslachd, bho ìochdarain dhìleas agus dhleas-
danach na Ban - rìgh, a chuidich dealbh - cuimhne a Mhòrachd
Riùghail am Priounsa-Cdile a chur suas 'an Abareadhain.
Ma 's e toil 'ur Mokachd Rioghail e,
Tha sinne, ìochdarain dhìleas agus dhleasdanach 'ur mòrachd, a
chuidich dealbh - cuimhne a Mhòrachd Rìogliail am Prionnsa - Cdile a
chur suas 'an Abareadhain, ag iari-aidh cead air tarruing dlùth ann
an irioslachd a dh' innse mu 'n cheangal ghràdhach a tha agaiun ri
pearsa agus riaghladh 'ur Mòrachd Rìoghail.
1 Fear-gleidhidh mo sporain shònruichte fhèin. Dh' dug e, gu m'
mhòr dhoilgiieas, air a cheathramh latha fichead de cheud mhìos an
Earraich, 1866. Bha e againn fad fhicliead bHadhna, agus bha e gld
dWleas agus cho gaohich air a' Phrionnsa ghrìiidh us orm fhc^in.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence