Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
BHO m' leabhar-latha. 15
blia 'n dìle uisge aiin fad na h-ùine. Tha 'n t-àite anns
am bheil an lomhaigh air a cur suas gle bheag, agus air
aon taobh ro theann air an drochaid, ach 's e Marochctti
fhèin a thagh e. Blm mise air chrith cho luath ris an
duilleig, 'n uair a thainig mi as a' charbad ; cha robh
neach ann mar a b' àbhaist ga mo stiùireadh, no a dh'
innseadh dhomh ciod 'bu chòir dhomh a ràdh, ! mo
lèireadh, bha e tuille 's uamhasach dhòmhsa, mo thru-
aigh ! Fhuair mi òraid a' Phrobhaist — air a sìneadh
dhomh — agus rinn mi ridire dheth, le claidheamh an
t-Seanalair Grey, a' cheud aon a rinn mi l)ho 'n thàinig
ceann air gach ni. Chaidh sinn a rithist suas air àrd-
urlarfliuch gun chòmhdach air bith thairis air, agus e
dìreach fa chomhair na h-Iomhaigh. Bha an dealbh
glè ghrinn agus coltach ri m' ghràdh, ach bha e coim-
head ro ìosal, agus beag airson a bhi air a bhlàr-a-
muigh. Bha an ùrnuigh aig Prionnsapal Caimbeul glè
fhada — ni a bha gu math deuchainneach 's an t-uisge
cho trora, ach bho na leubh mi i feudaidh mi 'ràdh gu
'm bheil pàirt dhi gle mhath.
Bha mise cho lag-chuiseach, an uair a chaidh an
còmhdach 'thoirt far an dealbh agus an uair a rinn
iad taisbeanadh nan arm bha mi duilich nach robh
fàilte sam bith ann le drumachan, le dùdaichean, no
le piòban mora. Bha e air a thoirmeasg do 'n luchd-
ciùil cluich sam bith a dheanamh. Dh' fhàg mise iad
ann an ùine ghoirid.
'N an seasamh air an talamh air ar beulthaobh bha
Lohlein,^ Mayet, an Granntach, am Brùnach, Cowley, P.
1 B' e Lòhlein gille-fritliealaidh a' Phrionusa-Chèile. B' e Mayet an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence