Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
2 TUILLEADH DHUILLEAG
lach mar cliuimhneachan air m' Ailbeart gaoil fheiu.
Bithidh 6 ri 'fhaiciun sios fad a' ghlinne. Chuir mise
agus mo shia-nar dhilleachdan bochda clachan air ; agus
tha na ceud litrichean de ar n-ainmeannan fhein, agus
de ainmeanuan an triùir nach robh 's an fhianuis, ri
bhi air an gearradh air clachan mu 'n cuairt dhe. Bha
mise ga m' fhaireachdainn fhèin glè hmisgeanach, agus
lagchuiseach.
Tha còig troidhean deug thar fhichead ri bhi ann air
àirde, agus tha an sgrìobhadh a leanas ri bhi air —
MAR CHUIMHNEACHAN GRÀDHACH
AIR
AILBEART AM PRIONNSA-CÈILE,
MÒR AGUS MAITH,
THA SO AIR A THOGAIL LE 'bHANTRAICH BHRÒNAICH,
VICTORIA R.
AN T-AONA LATHA FICHEAD DE CHEUD MHÌOS
AN FHOGHAIR, 1862.
" Rinn esan tlm fada a cho-lionadh ann
An ùine ghoirid, air dha 'bhi air a dheanamh foirfe,
Uir thoilich 'anam an Tighearna ;
rime siu ghreas e gu 'thabhairt air falbh
Bho chuideachd nan aingidh."
— Gliocas Sholamh, iv. 13, 14.
Chaidh sinn d' ar cois gu ruig an t-àite 's an robh an
rathad a' fàs garbh. Bha mise gle sgith leis a' cheud
oidhirp so air coiseachd an fhraoich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence