Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
22
Tha braoisg air Raori'ull Mac Caoilt. Saoil
an d' f huair e na laoigh '? Nach olc an aoigh a
ta air an spèur ? Saoil sibh an sil e ? Tog'aibh
de 'r baois ; cuiribh cruinn am feur-saoidh.
Ciod an aois a ta Faolan ? Tha e naoi bliadhna
dèug. Sguiribh de bhi ri caonnaig, a chlann
ghaolach. Co è ur fear-saoraidh ? Tha losa
Criosta, mac caomh Dhè. Is còir dhuinn
i daonnan 'ainm-san a naomhachadh.
uam
duan
buar
shuas
cruach
luaidh
snuaigh
Air ua, uai.
An cual' thu naigh'eachd sam bith ? Chuala
mi gu bheil an gual a' fàs daor. Is truagh an
naigheachd sin do dhaoine bochda, 's an uair cho
olc, fuar. Tha cuag air do bhròig dheis. Fan
uam fada shuas. An gabh thu duan oìche di-
luain? — C'ar son tha an cuar'an mu d'òrd'aìg ?
Ghearr mi i leis an tuaidh. Suain so uimpe.
Is dona 'n spuac a ta air do ghruaidh. Annag,
fuaigh dhomh so.
Cò a ta ris a' chruaich ? Tha Faolan agus
Mali ruadh. Is truagh nach robh i suas; tha
gruaim 's an airde-tuath. Cha ghabh i cur suas
cho luath sin, tha a' mhòine buan. Is math
sin ris an uair thuar. 'S ann fuar a's dual dhi
bhi à seo suas. An dean thu suaip rium mu'n
tuaidh ? Nì, ma gheibh mi à luach. An gabh
thu tastan agus dà chuaich ? O! tha mo thuadh
ruadh le meirg. O! tha mise suarr'ach uimpe.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence