Skip to main content

‹‹‹ prev (7)

(9) next ›››

(8)
tha gacb fine bhrlathran de 'n aon nàdur, rianaichte air
leth. Ann an leabhrachain eile, gheibhear, 'nam brolamas
Jeadh a chèile, briathran a ta tur ao-coltach 'nan nàdur,
'nan dreach, agus 'niin altachadh.* Tha so a' cur an
fhòghlumaich 'na bhreislich, leis na tha aige de riagh-
ailtean tarsanta ri chuimhneachadh còmhla. Ach, anns
gach leasau 's an leabhran so, cha-n eil aig an sgoilear òg
ach aon riaghailt ri 'cumail 'na bheachd, gus am fàg e
gach leasan fa leth. An t-slighe a bha roimhe làn
droighnich 'us cheap-tuislidh, tha i nise rèith, socrach,
cònard. Mar is fusa, ma ta, a nitear turas air rathad-
mòr rèith, a nise, na dheanteadh e roimhe so air frith-
cheum garbhlaich, no air aisridh monaidh; — mar sin,
faodar a bhi cìnnteach, gu'n doan am fòghlumach tuilleadh
adhairt air an leabhran so, na bu chomasach dha a dhean-
amh, air aon fhear sam bith eile de 'n t-seòrsa a chaidh
riabh a chlò-bhualadh.
An seòl agus an rian a lean mi ri linn a bhi cur ri
chèile na h-oibre so, faodar an tuigsinn le sùil a thoirt air
gach sliosA Tha an leabhrachan 'na thri Roinnean. Tha
a' chiad Roinn a' tòiseachadh leis na facail a's lugha 's
a's fusa 's a' chainnt. 'S a' cheud dol amach, tha gach
co-fhonn 'ga nochdadh aig tùs fuinn, mar seo; ìia hi, ri
bò, le cù, &c.: agus a rìst aig a dheireadh, mar seo; ad
ùr, os òg, &c. An sin tha facail thri litrichean 'gan
taisbeanadh, agusnafuinn, — lom,- — mar an ceudna, — mar
seo; hab, bad, lag, sal, mar, &c. 'An dèigh sin, thatar a'
sòmplachadh" n-àn co-ihown soimeasgail,^ mar seo; òrod,
crox\, yrsiS, còrd, hàrd, &c. Agus a thaobh 's nach gabh
leasan cur ri cheile gun fhuaim s a bhi ann, b'èudar dà
fhuaim na litreach sin a leigeil ris gu tràth.
An dèis an sgoilear a thoirt gu socrach an fhad so,
* Cha-n eil ealan ann aig nach eil^ a hliriatlirachas fein. Cha d'
tliugadh riabh roimhe seo (le fios dòmhsa) oi'rp air an ealan a ta
's an dara Roimi de so, a theagasg do na Gàidheil 'nan cànan
fèin; agus uinie sin, b'èiginn ainmean a thoirt air cuspairean a
bha againn gun bhaisteadh gus a nis.
1. pagc. "2. plain. ',). excmphfving. 4. su/-measg-ail, coni-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence