Skip to main content

‹‹‹ prev (293)

(295) next ›››

(294)
278 AN T-EILEANACH.
'S mi le iomaguin ga m' phianadh,
A dh' fhiach am mi fhin bh' ann,
Ghabh mi eagal bha fuasach,
Mu 'n ni bhuail aim am inntinu,
'S bha mi feuchainn mu 'n cuairt orm,
An robh mo chluasan a' cinntinn,
No 'n d' fhàs mi 'm ass, no 'n d' fhàs mi 'm ass.
Ghabh mi seorsa do mhisueach,
Ged 's ann an trioblaid a bha mi,
'Nuair a dhùisg ami am aithre,
A h-uile gaisgeach o 'n d' thàinig ;
O ! cha 'n ass mi gu cinnteach,
O 'n a bhruidh'neas mi Gàilig,
Gus na bhuail aun am inntinn,
Gu faod gur mi bh' aig Balaam,
Mu 'n champ o shean, mu 'u champ o shean.
Ach fhir a dh' ionnsaich dhomh 'n creideamh,
Cha b' e do choire nach d' fhiis mi,
Ann am each dhianadh sitir,
Mu 'n d' thainig fios o 'n a bhàs orm,
Cha robh mi idir a' gearan,
Na 'm b' ann a m' fheannaig a bha mi.
An sin cha 'n fhuirichinn 's a' bhaile,
Ach rachainn dhachaidh do 'n Ghàidhealtachd,
A spionadh chearc, a spionadh chearc.
Rinn an dòchas ud m' fhàgail,
Gu 'n deanainn f;\s ann am pheucaig,
Air feadh na flùr anns a' ghàradh,
'S a gabhail tiimh fo chuid gheugaibh,
Chaidh an smaointinn ud seachad,
'S mòr m' airtneul 's mo ghruaman,
'Sgun fhios nach bi mi a' m' chartan,
An sas am mart Iain 'Ic Ruairidh,
Taobh shuas Dhruim glas, taobh shuas Dhruim glas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence