Skip to main content

‹‹‹ prev (214)

(216) next ›››

(215)
AN T-EILEAXACH. 199
Bud na biodh ort. ri beartach no bochd
Caisg d' iota aig loch fuarain,
Gur lionmhor an t-olc, 's tha morau fo sprochd
An doire nan dos uaine.
Ach CO dhiubh, dh'fhalbh Eachann agus dh'fhage
dachaidh 'òige. Bhiodh e tighinn dhachaidh sgriob
aims an fhoghar daonnan, agus tha iad ag ràdh gu 'n
cuidich an t-ionnsachadh an t-olc cho math 's a chuidich-
eas e am math, agus tha eagal orm gu 'n robh sin
soilleir gu leòir do neach 's am bith a bhiodh a' gabhail
beachd air Eachann, Ciod 's am bith a bha e 'deanamh
an uair a bha e air falbh' cha robh a chluich agus
'innleachdan dad na b' fheàrr an uair a bha e aig an
tigh. Bhiodh e toirt ionnsramaidean iongantach mi-
nadurra dhachaidh leis, agus bha daoine gle ghlic anns
a' Choire ag ràdh nach buinneadh iad do ni math 's am
bith.
Cha'n'eil neach 'san àite air an cuireadh iad moran
iongantais an diugh, ach thàinig iomadh car agus
caochladh air an t-saoghal bho cheann deich bliadhna
fichead, agus cha'n'eil an Coire Gorm saor bho na
caochlaidhean sin na 'smò na àiteachean eile. B' e
aon de na h-innleachdan sin an rud ris an abair sinn
anns a' Bheurla, "Galvanic Battery," agus cha robh
neach a fhuair deuchainn de 'n rud a bha 'n so nach
robh cinnteach gur ann do chumhachd an dorchadais a
bhuineadli e.
Bha boirionnach 's an àite ris an abradh iad Mairi
an Uillt, agus ged nach robh innte ach boii'ionnach
bochd a bha trusadh a codach feadh na diithcha, cha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence