Skip to main content

‹‹‹ prev (204)

(206) next ›››

(205)
AN T-EILEANACH. 189
gu 'n robh sinn air son dol a dh' iasgach. " A dh' iasg-
ach ris a' mhuir-làn," ars' esan, "stadaibh gus an till
e air a thràthadh 'us gu 'm bi beagan do sheol-sruth
againn."
" Ma ta 's ann agaibh fein a's fheàrr a bhios fios,"
arsa mise^ "ni sinn mar a tha sibh ag iarraidh. oirnn."
Dh' èirich e agus ghabh e suas gu mullach a' chnoic,
'us bha e sealltainn mu 'n cuairt air, ach bha Mac-a'-
Chiibair ag ràdh nach b' ann ris an t-sruth a bha e
a fuireach, ach gus am biodh am feur cruinn aig a'
bhrogach, agus tha mi creidsinn gu 'n i"obh moran do 'n
fhirinn aige, a chionn an uair a bha 'm brogach ullamh
do 'n obair a bh' aige, ghlaodh e nail e agus dh' fhalbh
sinn.
An uair a chaidh sinn mu thuairmeas leth-mhile a
mach o 'n chladach thòisich sinn air fuasgaladh nam
heart, "Ciod an seòrs' èisg a bhios e coltach sinn a
dh'fhaotainn an so?" arsa mise. " Seòrsa no dha," arsa
Ruaraidh. " Cnodain mar is bitheanta mu 'n am so
bhliadhna." "Nach cuala sibh riamh an cnodan a'
bruithinnf' ars' am brogach.
" Cha bhiodh iad fad' a' d' chuideachd-sa 'n uair a
chluinneadh iad a' bruithinn thu," arsa Ruaraidh. "Cha
chuala iadsan no duin' eile an cnodan a' bruithinn."
"Glè cheart ma ta, feumaidh sinn tigh'n a dh' ionn-
suidh a chomhdhunadh gur e balbhan a th' ann," ars'
am brogach.
" Ciod a bhios e 'g radh 'n uair a bhios e bruithinn?"
arsa Mac-a'-Chùbair.
" Bidh e 'g vàdh " ISTa brùth mi," ars' am brogach.
Ach thoisich Ruaraidh air slaodadh a stigh, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence