Skip to main content

‹‹‹ prev (119)

(121) next ›››

(120)
104- AX T-EILEANACH.
Ach an gad air an robli 'n t-iasg,
Ach an gad air an robh 'n t-iasg,
Ach an gad air an robh 'n t-iasg,
'S gearr gu 'm faic thu nach 'eil agad-s',
Ach an gad air an robh 'n t-iasg.
Their cuid dhiu ma gheibh iad suidhe,
Nach bi cogadh tuillidh ami,
Bidh an claidheamh crocht' air tarrann,
Air a' bhalla anns an tranns,
Eadar daine dubh 'us ruadh,
Tha sith bhios buan ri 'chuir air bonn;
'S luingeis-chogaidh 'dol na 'n uidheam,
'N deigh a h-uile rud a th' ann,
'N deigh a h-uile rud a th' ann,
'N deigh a h-uile rud a th' ann,
'S luingeis-chogaidh 'dol na 'n uidheam,
'N deigh a h-uile rud a th' ann.
Ach 'n uair a fhuair iad mar bu mhath leo,
Chaidh na geallaidhean a 'n cuimhn',
'S cha robh 'n droch-bheairt mu 'n do labhair.
Air a grabadh mar a gheall,
Thàinig nuallanaich nan cannon,
Thar na mara oirnn a nail,
Agus chualas fuaim na druma,
'N deigh a h-uile rud a bh' ann,
'N deigh a h-uile rud a th' ann,
'N deigh a h-uile rud a th' ann,
Agus chualas fuaim na druma,
'N deish na h-uile rud a th' ann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence