Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
A BHEAN TIGHE MHATH. 45
*' Mo bhean 's mo phàisdean,
Mo chàise 's mo ghogan ime,
Mo mhic 's mo nigheanan,
'S mo chisteachan mòra mine,
Mo chlr 's mo chàrdan,
An snàth 's a' chuigeal,
Mo bhò 's a' bhuarach,
'S na cuachan bainne,
Eich 's na h-iallan,
Chabhan 's cinnean,
'S an talamh 'cur roimhe,
M' ùird 's m' innean,
Dùn Bhuro; ri theine,
'S ma loisp-ear Dùn Bhurff
Loisgear mo mhùirn 's mo mhire " —
h-uile aon riamh dhiu' 'caoidh rud a b' fheàrr
's a b' fhiù leo chaidh fhàgail 's an Dùn.
'Nar fhuair a' Bhean-tighe gu'n robh iad
taobh muigh an doruis chaidh i stigh air an
cùlthaobh co kiath 's b' urrainn dhi 's dhùin 's
chrann i 'n dorus orra, 's mar a dh'earbar
rithe chur i air aimhreidh a h-uile sian air an
robh na daoine 's na mnathan còire ag obair.
Thug i 'bhann bhàrr na cuibhle, chur i car
's a' chuigeil, na càrdan còmhla 'n àite bhi
cas mu seach, car-a-mhuikein do'n bheart-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence