Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
lOLAIRE LOCH-TREIG. 35
Cha robh dùil bheò a thachradh oirre —
ach nial na h-aoise bhi oirre — nach farrai-
deadh i, " Am fac' thu Oidhche-Bhealltuinn
riamh cho fuar ris an oidhche 'n raoir ? "
ach chan fhac' a h-aon.
Coma, bha'n latha as a thoiseach, 's bha i
mar so ag cumail air a h-aghart gun chluain,
gun chlos, gus an do thachair seann dreathan-
donn còir oirre. " Fàilt air an dreathan,
Latha Buidhe Bealltuinn," ars ise, " am fac'
thu riamh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris
an oidhche 'n raoir ? " Ach sean 's gu'n
robh tuar is dreach an dreathain, cha b'
fhiosrach e gu'm faca. Cha robh eòlas aige
air crèutair bu shine na e fhèin ; ach chual'
e gu'n robh seann ghobha-dubh bho chian am
Bun-Ruaidh, 's ma bha e fhathast beò, gu'm
bu dualach, ma thàinig a leithid, gu'm fac'
esan i : agus sheòl e 'n rathad dhi. Thug i
taing do'n dreathan, agus togar oirre gu
ceàrdach Bhun-Ruaidh.
Rainig i ; ach cha robh roimhpe ach làrach
fhuar — thriall gach mith 's gach math, ach
an gobha-dubh ; 's bha esan f hèin bho chian
dall leis an aois, agus an dèidh toll a dheanamh
3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence