Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
11.
lOLAIRE LOCH-TREIG.
Bha, roimhe seo, seann iolaire mhor a' tàmh
an Aird-mheadhoin Loch-Trèig, far am
minig a bha a seòrsa. Bha i hath leis an
aois, bho'n a bu chuimhne leatha fhèin ;
is bha i, uime sin, an dùil gu'm b 'i crèutair
bu shine bha beò ri 'linn. Ach an earalas
nach faodadh a comh-aois a bhi mairionn an
àit-eigin, chuir i roimhpe, an ciad chothrom
a gheibheadh i, sgrìob a thoirt air chuairt.
Bliadhna a bha 'n sin, thainig an aon
Oidhche-Bhealltuinn a b' f huaire dh' f hairich
no chunnaic i riamh, agus smaoinich i gu'm
bu mhath an leithsgeul di e air a rùn-falaich
a chur an gnlomh ; agus 'sa mhaduinn
mhoich Latha-Bealltuinn sin fhèin, seach
latha sam bith, mu'n do bhlais na h-eòin
eile an t-uisge, togar oirre air cheann a
turuis.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence