Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
24 SPIORAD NA H-AOISE.
gharaidh r'a èisdeachd ach sgiamhail is
mèalanaich chat, is bhroc, is thaghan is
fheòcullan, threòruich se e gun sgàth gun
eagal gun sgiansgar, gu taiceil, foghanta,
ràideail — gu robairneach, bior- shuileach,
mion-eòlach, gu beul cùirn, far an d' iarr e
air trian d'a sgìos agus an oidhche gu h-uile
chur seachad còmhla ris. Neòr-thaing mur
d' f huair e gabhail aige 'n oidhche sin còmhla
'ri dòbhran-donn an t-srutha, an sìor-shiùbh-
lach, nam fòghnadh iasg do gach seòrsa b'
fhearr na 'chèile — agus leaba thioram, sheas-
gair, mhèith, do dhreamsgal àird-làin stoirme
reothairt, is feamainn chìrein an dubh-chlad-
aich.
" Cuir seachad an oidhche, 'Chaomhain,"
arsa 'n dòbhran-donn ; " 'se làn dì do bheatha.
Caidil gu sàmhach ; 's fear-faire furachair an
dòbhran."
'Nuair thàinig an latha 's a bha Caomhan
gu imeachd air a thurus, chaidh an dòbhran air
choimheadachd greis do'n t-slighe maille ris.
" Slan leat ! a Chaomhain," ars' esan ;
" rinn thu caraid dhiom. Ma thig sàs
cruaidh no teann-èiginn ort anns an dean

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence