Skip to main content

‹‹‹ prev (14)

(16) next ›››

(15)
SPIORAD NA H-AOISE. 15
mheas-deug nach fac' e. Tòisichear air e
fèin a shàsuchadh leis na measaibh — thug
na mairt mhaola odhar an aghaidh dhachaidh,
agus lean e iad. Bhleoghain gruagach an
fhuilt òir iad, ach an àite bainne cha d'
thainig ach nùs glas. Thuig an seann duine
mar bhà : —
" Olaich gun f hìrinn 's gun dllseachd,"
ars' esan, " bhrist thu do ghealladh."
Thog e a shlachdan-druidheachd — buailear
an t-òganach, 's deanar carragh cloiche dheth ;
a sheas trì làithean a's tri bliadhna ri taobh an
teine ann am bothan an t-slèibh mar chuimh-
neachan air bristeadh focail agus coimh-
cheangail fasdaidh.
'Nuair bha latha 's bliadhna eile air dol
seachad, thuirt Ruais ruadh, mac meadh-
onach Ghorla, —
" Tha dà latha 's dà bhliadhna air dol
seachad o'n a dh' fhalbh mo phiuthar
àiUidh, agus tha latha 's bliadhna o dh'
f halbh mo bhràthair mòr ; is bòid is
briathra dhomhsa imeachd an diugh air an
tòir, agus an co'-dhlol a bhi agam."
Ceart mar thachair do'n bhràthair bu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence