Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
14 SPIORAD NA H-AOISE.
danas — bi dìleas — earb m' fhocal — bi saoith-
reach, 's cha bhi do shaothair gun duais."
Dh' fhalbh e mu chùl na sprèidhe, agus
lean e iad. Cha robh e ach goirid air falbh,
'nuair a chunnaic e coileach òir agus cearc
airgid a' ruith roimhe air a' bhlàr. Ghabh
e air an tòir ; ach ged bha iad a nis agus
a rithist, air leis, 'na ghlaic, dh' fhairthch
air gramachadh orra. Phill e air ais o'n
t-siubhal fhaoin, agus ràinig e 'n t-àite 's
an robh na tri mairt mhaola odhar aig
ionaltradh, agus thòisich e rithist air am
buachailleachd ; ach cha b' fhada bha e air
an cùl, 'nuair chunnaic e slatag òir agus
slatag airgid a' cur nan car dhiubh air an
rèidhlean, agus ghrad thòisich e air an ruith.
" Cha 'n f heud e bhith," ars' esan, " nach
iad so is usa ghlacail no na h-eòin a mheall
mi o chionn ghoirid."
Sìnear as 'nan dèidh ; ach ged bhiodh e
'gan ruith fhathasd, cha bheireadh e orra.
Thug e 'bhuachaiUeachd air ; agus mar
bha e leanntuinn nam mart maola odhar,
chunnaic e doire coille air an robh na
h-uile meas a chunnaic e riamh, agus dà-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence