Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
SPIORAD NA H-AOISE. 13
" a tha 'g iarraidh cosnaidh — thàlaidh do leus
loinnearach mi a dh' iarraidh blàths agus fas-
gadh na h-oidhche."
" Ma dh' f hanas tu agams'," arsa 'n seann
duine, "gu ceann bhadhna, a bhuachailleachd
mo thri mairt mhaola odhar, gheibh thu do
dhuais, is cha bhi fàth talaich."
" Cha b' e mo chomhairle dha," arsa
nighean an fhuilt òir 's na cìre airgid.
" Comhairle gu'n iarraidh," arsa mac mòr
Ghorla, " cha robh meas riamh oirre. Gabh-
aidh mi do thairgse, a dhuine — ann an
camhanaich na maidne, 's mise do ghille."
Roimh langan an fhèidh sa' chreachann
bhleoghain gruagach an fhuilt òir 's na cire
airgid na tri mairt mhaola odhar.
" Sin iad agad a nis," ars' an seann duine ;
" gabh mu'n cùl — lean iad — na pill iad —
na bac iad — iarraidh iad an ionaltradh fèin
— 's leig leò imeachd mar is àill — fan thus'
as an dèidh — agus thigeadh aon ni thogras
ann ad rathad, na dealaich thusa riutha —
biodh do shùil orra agus orrasan a mhàin ;
agus a dh' aon ni g' am faic thu no g' an
cluinn thu, na toir sùil air. So do dhleas-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence