Skip to main content

‹‹‹ prev (9)

(11) next ›››

(10)
lo SPIORAD NA H-AOISE.
sin, thuirt Ardan, mac mòr an àireich, " A
bhliadhna giis an diugh dh' f halbh mo
phiuthar, àilleagan an fhuilt òir, agus is
bòid is briathra dhomhsa nach dean mi
fois no tàmh a latha no dh' oidhche gus
an lorgaich mi mach i, 's bidh mi air
chomh-dìol rithe fèin."
" A mhic," ars' 'athair, " ma bhòidich thu
sin cha bhac mise thu ; ach bhuineadh dhuit,
mun deachaidh am focal a d' bheul, cead t'
athar iarraidh. Eirich, a bhean, agus deasaich
bonnach do d' mhac mòr, 's e dol turus
fada." Dh' èirich a mhàthair, agus dheasaich
i bonnach mòr agus bonnach beag. " A nis,"
ars' ise, " 'mhic, an fhearr leat am bonnach
mòr ann am feirg do mhàthar airson thu
dh' fhalbh gun chead, no am bonnach beag
le a beannachd ì "
" Dhomhsa," ars' esan, " am bonnach mòr,
's gleidh am bonnach beag 's do bheannachd
dhoibhsan a roghnaicheas iad." Dh' fhalbh
e ; agus ann am prioba na sùl, bha e a
sealladh tighe 'athar.
Chuir e sad a gach lodan agus o bhàrr
gach tomain ; bha e dian-astarach gun

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence