Skip to main content

‹‹‹ prev (173)

(175) next ›››

(174)
156
agus am feadh a bha e 'ga ruagadh, bha fiuthair
làidir aige gu'n tigeadh e suas ris, agus gum biodh
aige fein agus aig a chàirdibh, cuirm shòlasach
air, 'an co chaidreamh a che'ile. Luidh mothachadh
a challdaich gu tròm air. Bha, ri seal,'uiread iom-
aguin air uime, agus nach d'thainig e 'na aire gu'n
robh e ann an cearna do'n dùtliaich air an robh e
tur-aineolach ; 's gu'n robh dorchadas nan tràth ag
iathadh uime. Faidheòidh mhosgladh as an neo-
shùnnt so e le sgrèachail nan eun a' fàgail na lòmb-
air a ghabhail am fois sa' choiUe. Ghrad dh'eirich
e, a' gabhail beachd air an tu' m'a thimchioll, agus
^ air faicinn dha gu'n deach a' ghrian fodha, thuig e
'n cunnart anns an robh e. Bu chunnartach dha
fuireach far an robh e ; agus a thuillidh air sin bha'm
beagan Ijin a bh'aige air teireachdainn agus bha e
fann, sgith, agus acrach.
Chuir e roimhe pilleadh dhachaidh ; agus ge nach
robh aon fhiuthair aige gum b'urrainn e 'bhothan
fein a ruigheachd an oidhche sin, air leis gu feud-
adh e teachd gu tigh fialaidh eigin far am faigheadh
e biadh car na h-oidhche sin. Leis an dòchas so,
chaidh e air aghaidh ; ach cha deachaidh e fada
gus an d'fhàs an oidhche ro-dhorcha, 's gu'n do
mhothaich e gu'n robh e ann an gàbhadh mòr, le
dol a sti^di feadh cuilce ami am feur-lochan agus
ann an làthaich dhomhain. Ach fhuair e as a'
chunnart so le faicill agus le teòmachd ; agus cha
luaithe thainig e as, na thilg se e fein 'na shineadh
air an talamh, gun fhios ciod an taobh a rach-
adh e.
Bha tigh tuatiianaich dlùth do'n àit air an robh
'n sealgair 'na shineadh. Chunnaic e rionnag
shohiis o aon do na h-uinneagaibh 'nuair a sheall
tliaobh tuiteamais san àird sin. Dh.'eirich e, 's
£t' cumail an t-sohiis 'na bheachd, dli'fhalbh e, le
làn-f hiuthair gu'n gabliadh muinntir an tighe ris le
fiaìachd. Cha b' ann gun stri a rdiiiig e, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence