Skip to main content

‹‹‹ prev (159)

(161) next ›››

(160)
142
Gun chridh' aig na daoin' bh' air lomadh le li-aois,
Le 'n claigeannaibh maola truagh ;
Bhi seasamh a' d' chòir, gun bhoineid 'nan dòrn,
Ged tholladh gaoth reòt' an cluas :
Tha nise do thràiU, gun urram a' d' dhàil,
Gun ghearsom, gun mhàl, gun mhòd ;
Mòr-mholadh do 'n bhàs, a chasgair thu tràth,
'S nach d* fhuiling^o stràic fo 'n fhòid.
No 'm ministeir thù, bha tagradh gu dlùth,
Ri pobull 'an ùghdarras De ;
'Gam pilleadh aii' ais, bha 'g imeachd gu bras
Gu h-ifrinn na casgradli dhein ?
No 'n robh thu gun sgoinn, mar mhuime mu cliloinn,
Gun chùram à h-oighreachd Dhe ;
Nam faigheadh tu 'n rùsg' bha coma co dhiùbh,
Mu 'n t-siomiach bhi stiùradh 'n treud ?
Leam 's cinnteach gu 'n d' f huair do dhèanadas duais,
'Nuair ràinig thu 'm BuacliaiU mòr :
'Nuair chuairtich am bàs a steach thu 'na làth'r
Thoirt cùnntas a' d' thàlaimi dò.
No 'n ceann thu 'n robh ciall, a's eòlas air Dia ?
'S gu'n d' rinn thu a riar 's a cliòir ;
Ged tha thu 'n diugh rùisgt', gun aithne gun iùl,
Gun teanga, gun sùil, gun sròn ;
Gabh misneach san uaigh, oir e'iridh tu suas,
'Nuair chluinneas tu fuaim an stuic ;
'S do thruaiUeachd gu leir shìos tagaidh tu d'
dhe'igh,
Aig durragaibh breun an t-sluic :
Oir deasaichidh Dia do mliaise mar ghrian,
Bhiodh 'g e'iridh o sgiath nam beann ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence