Skip to main content

‹‹‹ prev (133)

(135) next ›››

(134)
116
stuama, rieo-choireach, agus ionraic; a mhuinntir
sin is urrainn deagh chomliairle thoirt oirbh, agiis a
nochdas deagh chaithe-beatha dhuibh ; iadsan a
tha 'gabhail tlachd ann an àitheanta Dhè, agus a
bheù' misneach dhuibh gu gluasad air an t-
slighe tha a' treòruchadh gu sith agus glòir.
Cuimhnichibh briathran Dhe', — " An ti a shitibh'
las le daoinibh glice, bithidh e glic ; ach sgriosar
companach nan amadan."
Mu Urnuigh.
Cha'n ann ann am briathra snasmhor air an
taghadh le cùram, air an cur gu riaghailteach an
tàdh a chdile, air an labhairt gu stòlda le fonn
cràbhaidh, a tha ùrnuigh thaitneach a' co'-sheas-
amh ; ni mj is ann ann an lùbadh nan glùn, togail
suas nan làmli, no ann an uirghioll beòil. Feud-
aidh iad sin uile a bhith 's gun ghnè do ùrnuigh
thaitneach a bhi 'nan lorg. Tha ùrnuigh a' co'-
sheasamh ann an cur an ceill ar n-iarrtui«, a' dòrt-
adh a mach ar cridlieachan, a' togaii suas ar n-
anama a dli'ionnsuidh Dhe', le làn-earbsa, socraichte
air toillteannais agus eadar-ghuidhe an Tighearna
losa Criosd, ar Fear-saoraidh beamiaichte. Cha'n
ann an saothair meomhair no meamnadh tha ùrnuigh
air a deanamh a suas, ach annan saothair dhùrachd-
ach spiorad neo-bhàsmhor an duine, air a dhùsg-
adh, air a bheothachadh, agus air 'ungadh le
tionnsgnadh agus cumhachd o nèamh. Tha ùr-
nuigh air a cur an ce'ill mar ag iarraidh Dhe', ag
amharc ri Dia, a' tarruing dlùth do Dhia, a dean-
amh greim air a' chùmhnanta, a' dòrtadh a mach a'
chridhe 'na fhianuis, a' gul agus a' caoidh 'na
làthaii'. Ann an ùrnuigh 's e 'n cridhe an t-aon
ni ; oir ciod i ùrnuigh ach co'-chomunn dlomhair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence