Skip to main content

‹‹‹ prev (96)

(98) next ›››

(97)
79
robh aoii rathad, 'nuair a thiiit domh, air feasgar
sàmhraidh, bhi air mo chuairteachadh ann an ceò
dùmhail, 'nuair bha mi gabhail athghoirid thairis
air guala beinne, cho àrd 's a bha san dùthaich.
Mar bha àgh orm, bha fear-cuairtich nan criocha
farsuing sin maille rium san am, a thug mi leam
gu m' sheòladh gu bearradh àrd, as am faicinn seall-
adh air a' ghleann chum an robh mi dol. Fada
mun d' ràinig sinn am bearradh so, thuit an ceò co
dùmhail, 's gu'm b' amaideach smuaineacha' dol ni
b' fhaide air ar n-aghaidh. Bha EachumiRuadh,
saighdear a bha maiUe rium, 'na dhuine tuigseach ;
bha e fada san arm : chuù' e suas an còta-dearg
fo'n Cheannard urramach sin x\ilean an Earrachd.
Bha e maille ris ann an ioma cath cruaidh, agus b'
f hiach e eisdeachd gach sgeul a bh' aige mu gacli
sealladh deistmneach a chunnaic e. 'Xuair a thuig
e nach robh e tùaruinte imeachd ni b' fhaide air
bile nan sgàirneach a bha fodhainn, threòruich e mi
gu bun na frithe, far an robh ionad dionach 'sam
feudamaid fuireach gu maduinn. 'Xuair a bha sinn
a' tearnadli, dh' fheòraich mi dheth an robh na
creagan a bha 'na bheachd fada uainn. " Tha creag-
an ni's leòir far am bheil sinn, agus tha uamh
f hasgach goirid o'n àite so," ars' esan ; «* ach 's coma
leam iad ; tha e co math dhuinn an seachnadh. 'Se
so," a deir esan, ann an guth iosal, mar gu'm biodli
e cagarsaich a' m' chluais, " 'se so Coire-na-sitli ;
agus, a dh'innseadh na firinn, b' fhèarr leam a bhi
fliuch leis a' cheò, na fasgadh iarraidh anns na li-
àiteachaibh gramida sin." — " Cha 'n fheud e bith,"
thubhairt mi ris, ''gu bheilthusa, Eachuinn,a' creid-
sinn a leithid sin do amaideachd ; gun teagamli
cha'n'eil thu ach ri feala-dhà." — " Feala-dhà ann no
as," deir esan, "is coma leam iad ; mar thubhairt aii
seann duine, Fhad 'sa dh' fhuiriclieas an t-olc uainn
fuiricheamaid uaithe. Thig air t'aghart, tlia sinn
dlùth do Uamh na h-ochanaich ; ach beannachd 'nan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence