Skip to main content

‹‹‹ prev (94)

(96) next ›››

(95)
77
eigin o'n chruaidli-chàs o'n robh iad a' fulang.
Bha na Loclilannaich san àm sin, ag aideachadìi
creidimh nan Druidh, agus fhuaii' mòran do na
chaidh fhògradh as an dùthaich so, dìon agus
fasgadh uatha. Bhrosnuich iad so na Lochlannaich
gu eiridh as an leith ; agus tha eachdi-aidh na dùth-
cha 'g innseadh dhuinn, gur iomad oidheirp a thug
iad, linn an deigh limi, gu aicheamhail a tlioirt a
mach as an leith. 'S ami 'nan aohhar-san a thàinig
iad 'nan cabhhiichibli a thoirt sgrios le teine agus
claidheamli air gacli àite san robh eaglaisean an
t-Soisgeil no tighean Mhanach air an suidheachadh.
Fad na linn sin, bha mòran do na sagartaibli
Druidhneach san tìr so, aig an robh còmlmuidli,
mar chaidh a ràdh, anns gach doire, agus anns gach
fdsach uaigneach. Chum an àireamh a chumail
suas, bu ghnàtli leò, mnathan agus clann a ghoid air
falbh, agus gach cothrom a bha 'nan comas a ghabJi-
ail, chum an uireasbliuidh a dheanamh suas mar a
b' fhòarr a dh' fheudadh iad. Bha iad ìnnleachd-
ach seòlta, am feadh 'sa bha muinntir na dùthclia
aineolach, dall ; thug iad, mar SO; air an t-sluagh
a chreidsinn gu'n robh aca fiosrachadh os ceann
nàduir ; agus o'n àm sin, thòisich eachdraidh nan
daoine sith. So ainm a bhuineadh gu h-àraidh do
shagartaibh nan Druidh. B'e'ngnothuch-san reach
dan a shocrachadh, agus s'ith na dùthcha a chumail
suas. Chùm iad am mòid air tulachaibh uaine, air
cuirn liatha, agus air beanntaibh àrda ; agus, an
lorg so, tha mòran do na h-àitibh air an ainmeach-
adh gus an là 'n diugh, Dùn-sith, carn-sith, s'ith-
bhruth, agus iomad ainm eile do'n t-seòrsa sin.
An deigh do na Druidhibh so bhi air an cur
fodlia, smuainich daoin' aineolach, o'n eagal a bh'
aca rompa, gu'n robh iad fathast air mhodli neò-
shaoglialta a chòmhnuidh 's na h-ionadaibh sin. A
thacbh na cumhachd a bh' air a chur as leth nan
daoine sìth, blia e air 'ainmeachadh, diuidheachd.
G 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence