Skip to main content

‹‹‹ prev (88)

(90) next ›››

(89)
71
Is goirt le m' chndli' do chor, a ghaoil,
Aois 'ga d' chlaoidh, 's mi fein gun fhenm :
An t-àit an d' fhuair simi riamh ar leòir,
Clia 'n ionad tàimh dhuinn e ni 's mò.
Tha muiimtir eil' air teachd d' ar tir,
A's siol nan treun 'ga'n cur a dhitli, —
Sìol nan treun, a ghlèidh le buaidh
Ar beanntan àrd, a's trùigh a' chuain.
Ach thre'ig iad fein, 's gach euchd a rinn ;
'S tha sinne 'n diugh, an sliochd gun sgoinn,
Mar chuiseig fhaoin, fo thaom gach sian,
Air call ar neart, ar meas, ar miagh.
Ghiaisibh, a chlann na muinghinn thre'in,
'S gu'm faigh sibh iochd fo chaochladh grein'
Ge caomhleibhbeanntan àrd 'ur n-òig',
'S gaim gu'm faic sibh iad r' 'ur beò.
Triallaibh dh' ionnsuidh cuan nan stuagh ;
Ach, Och 1 mo chreach ! cha b'e mo luaidh ;
B' annsa Inidhe sìos gu ciàin,
Mar ri m' dhàimhich anns an ùir.
'S tric o m' shùil na deura tròm,
'S mi sealltuinn air gach hirach lom,
'Am facas uair mo chàirdean treun,
Ge fada 'n diugh gach aon o cheil'.
Cha chhiinn mi tuillidh 'n còmhradli gaoiì,
Moch no feasgar air an raon :
Tha 'n gleann a b' aobhaich' fuaim a's ceòl
Gu tosdach balbh, mar neach ri bròn.
C'àit an deach na h-ògain thre'un?
C'àit an deach na h-òighean caoin ?
C'àit am bheii an aois gun ghruaim ?
C'àit an ceòl a b' àirde fuaim?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence