Skip to main content

‹‹‹ prev (83)

(85) next ›››

(84)
66
mhaitheas agus do cliaomhalachd mu'n cuairt da, 's
gu'm feudadh an neach bu lag-chridhiche mis
neach a bhi aige teachd 'na làthair; agus, anns an
àm cheudna, bha do smachd àrd 'na sluiil agus 'na
bhathais; na bheireadh air an spiorad bu dalma
meatachadh 'na f hianuis. '' Thàinig sibhse, le'r
cead," ars' iadsan, ^' mar a gheall sibh : cha d' rinn
sibh dearmad riamh oirnn ann anlà ar teinn. Tha
sinn an nochd a' dol a gliabliail a' chuain fo'r ceann;
's mun e'irich a' ghrian air na beanntaibh ud thall,
bithidh sinne gu bràth as an sealladh. Is culaidh-
tliruais sinn an diugh, là ar dunaich !" — '' Na cluinn-
eam/' ars' am ministeir, " a leithid so do chainnt.
Bithibh misneachail ; cha'n e so an t-àm dhuibh
meatachadh ,- cuiribli 'ur n-earbsa ann an Dia : oir
cha'n ann gun f hios dà-san a tha sibh a' dol air an
turus so. 'S ann 'na fhreasdal fe'in a tha gach ni
teachd mu'n cuairt : ach 's ann a tha sibhse, a*
labhairt mar gu'm biodh sibh a' fàgail rioghachd an
Uile-chumhachdaich, a^us a' dol far nach ruigeadh
a chaoimhneas atliaireil oirbh. Mo thruaighe !
an e so 'ur creidimh ?" — " Tha sin fior," thubhaiit
iad ; " ach an fhairge, an cuan mòr farsuing !" — *' An
f liairge," f hreagair e ; " c'arson a chuireadh sin
sibh fo dhiobhaii misnich ; — nach 'eil Dia ri f haot-
ainn sa' chuan co math 's air tir-mòr ? Fo stiùradh
a ghliocais, fo dhion a chumhachd, nach 'eil sibh
co tòaruint' air a' chuan 's a bha sibh riamh ann an
gleama tiorail ? Nach 'eil an Dia a chruthaich an
cuan a' dol a macli air a thonnaibh uaibhreach ?
cha'n eirich a h-aon diubli roimhibh gun fhios da :
'se fein a chaisgeas onf hadh na fairge : tha e mach
air a' chuan ann an carbad na gaoithe, co cinnt-
each 's a tha e ann an nùamh sliuas. ' O ! sibhse
air bheag creidimh, c'ar son a ta sibh fo eagal ?' "
" Tha sinn a' fàgail ar dìithcha," fhreagaù' iad.
*' Thà gun teagamh," ars' esan ; " thasibh a' fàgail
an eilein san d' fhuair sibh 'ur togail *s 'ur u-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence