Skip to main content

‹‹‹ prev (61)

(63) next ›››

(62)
44
Eiriiin. Bha 'n t-eilean san àm sin a' sealbhachadh
solus an t-soisgeil ann an tomhas àrd : bha e làn do
dliaoinibh diadhaidh am feadh a bha Albuinn 'na
fàsach fiadhaich, ann an aineolas, agus fo shaobh-
chrùbhadh muladach. Mhothaich an naomh Cal-
um dha so le truas, agus ge nacli robh fàth a dhòch-
ais ro-mhòr, chuir e roimhe dol a mach mar abstol
do na cearnaibh dorcha sin. Leis a' bheachd sin,
dh' fhàg e a dhùthaich anns a' bhliadhna 563 j agus,
ann an curach beag, le dhà-dheug do luchd-leanmh-
uinn thaghta ghràdhaich, ràinig e 'n t-eilean uaig-
neach sin cùlthaobh Mhuile, ris an abair iad o'n àm
sin I Chalum-Chille. Bha 'n duine math mu
'm bheil sinn a' labhairt a nis dà bhhadhn' agus dà
fhichead a dh' aois. Bu chudthromach an obair a
ghabh e os làimb, agus b' uamhasach na grabaidh a
bha 'na rathad. Cha 'n ann gu dearbh gun anabli-
arra neirt inntinn agus cuii-p a thigeadh dha an oidh-
eirp idir a thabhairt. Bha muinntir na h-Alba san
àm sin ami an staid clioimheach, bhorb : bha iad
co suarach mu naomhachd an duine bheannuichte, 's
gur tric a shònraich iad a chur gu bàs. Bha righ
na dùthcha cosmliuil r'a chuid daoine. A' cheud
uair a thàinig Calum-Cille dh' ionnsuidh a lùchuirt,
a bha san àm sin aig ceann na h-aird-an-ear do
Loch-Nis, dh' àithn e 'n dorus a dhruideadh 'na
eudann, 's gun an aoidheachd choitchionn a thoirt
da fein no dlioibhsan a bha maille ris. Bha na
sagartan Druidlineach aghartach saoithreach ann
an cur 'na aghaidh : bha iad teòma, seòlta, innleachd-
ach, agus cumhaclidach ; agus bha uachdarain na
dùthcha air an taobh. Blia 'n dùthaich fein san
àm sin mar aon fhàsach mòr, gun sHghe no rathad
tèaruinte tre na coilltibh tiugha dorclia ; agus bha
na monaidhean farsuing làn do bheathaichibh fiadh-
aich a bha 'n cunnart, iomad agus iomad uair, an
naomh so a mhilleadli agus a sgrios, 'nuair a bha e
'g imeachd o chearna gu cearna ann an obair a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence