Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
18
chridhe. Mheall iad e ! — mheall iad e ! — cha dean-
adh Màiius riamh mar rinn e mur biodh iad air a
mhealladh. Tha mise so a nis, agus am bàs dlùth.
Is e 'bheatha — fàilt' air ! Tha mi sgith do'n U
saoghal — tha mi nis a' mothuchadli gu bheil gràdli
aig mo Dhia orm. Roimhe so bha 'm bds 'na chul-
aidh-eagail leam ; ach mar a's dlùithe tha mo
cheann-criche tighimi orm, 's ami a's soilleire an seall-
adh a tha m' Fhear-saoraidh a' toirt dhomh air
àilleachd an Ard-Righ agus maise na dùthcha tha
fad' as. Tha m' fhuil a's m' fheòil a' fàihieachadh,
ach anns an Tighearna Dia tha neart siorruidh.
^Se so mo chul-taic 's mo shòlas, nach 'eil dìteadh
dhoibhsan a th' ann an losa. Air-san, amliàin, tha
m' earbsa airson t^aruinteachd. 'S tric a leugh mi
sa' Bliiobull nach 'eil saorsa ann ach tre fhuil
Chriosd; ach anis tha mothachadh agiis fiosrachadh
làidir agam air an fhhinn so. 'Nuaiv dh' amh-
airceas mi air m' ais air mo chaithe-beatha, cha leir
dhomh blieag ach aobhar nàire agus aithreachais —
ach 'nuair blieaclidaicheas mi air mo Shlànuighear,
clia le'ir dhomli bheag no mhòr ach neart, agus dò-
chas, agus slàinte. Tha fios agam gu'n do riaraich e
an lagh, gu'n d' tliug e steach f heantachd sliiorruidh.
Tha fios agam gu'n d' thug e an gath o'n bhàs, agus
gu'n d' thug e buaidli thairis air an uaigh ; air chor
agus ged a bhùsaiclieas mi gu'm bi mi beò, oir tha
m' Fhear-saoraidh beò, agus seinnidh mi fhathasd a
chliù maille ri spioradaibh nan daoine maithe, foirfe,
ann an glùir. Tha mo thaic air tròcair Dhe' ann an
Criosd. O ! cia mòr a mhaithcas!"
Mar so chrìochiiaich Màiri a' Ghlinne a h-eachd-
raidh. Cha robh latha fiiad 's bu bheò i 'na dheigli
so, nach deachaidh mi g'a h-amharc. Bu shoilleir
gu robh crioch a turuis shaoghalta 'n impis bhi
seachad— bu shoilleir gu robh "an teud òir a' fòil-
neachadh. Bha a tur 's a tuigse agus comas labhairt
aice air gach àm. Cha'n iarradh i ach a bhi leugh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence