Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(25) next ›››

(24)
bììur cuibhrionn fe'in do atharraichibh an t-saogh-
ail chaochlaidich so.
Dh' aithnich an t-seana-bhean mi. " Deanaibh
suidhe/' ars' ise, 's i comharachadh a mach caithir
dhomh, dlùth do*n leabaidh. Tharniing i osna thròm,
agus thòisich i air a sùilean a thiormachadh. '' Thug-
aibh maitheanas domh," ars' ise, '' tamull beag."
Dh' fhosgail an òigh a bha 'san leabaidh a sùil
agus dh' amhairc i mu'n cuairt di. " Cò," deir i,
*' tha 'm chòir ? Cò tha làimh rium ?" — " Mise
'ghràidh," ars' an t-seana bhean, '^do bhana-charaid
nach treig thu, Nach aithne dhuit mi, Ivlhàiri ?
Nach labhair thu aon fhocal a thruaghain mo cliri-
dhe ; nach innis thu am bheil tliu idir ni's fearr ?*'
Dh' fhosgail i a sùil bhòidheach ghorm. Bha fiamh
do ghàire faoin air a gnùis — agus braon do fhallas
fann a' teachd a mach air a bathais ard. " Tha
mise," arsa Màiri, " mar bu mhiann leam a bhi — tlia
mi air leaba mo bhàis ; ach O ! 'n ann an tigh-eiridinn
am measg choigreach — fada, fada o thh' m' eòlais —
an tu' nach faic mise 'gu brAth ! Ach nach coma ?
Cha seas so fada. Tiota beag agus bidh gach deuch-
ainn shaoghalta gu bràth seachad. O ! gu'n robh
mise cinnteach a aon ni — agus an sin." Dhùin i a
sùil — tharruing i aon osna thròm, mar gu'm biodh a
cridhe bochd an impis sgàineadh. Bha a bilean a'
gluasad ; agus b' fhurasd' f haicinn gu robh ioma-
guin thròm air a h-anam. B' fhurasda thuigsinn
air caochlaideachd a gnùise gu robh smuaintean
buaireasach troma 'na cridhe : mar chltear air uair-
ibh neula dorcha bruailleanach air aghaidh nan
speur, air feasgar àilUdh samhraidh. '' O ! mo mhà-
thair," arsa 'n truaghan fann 's i fosgladh a rithi&t a
sùl; " mo mhcìthah'/' ars' ise, "nam bu leir dhuit mise
air an àm so — annsachd do chridhe fein, t' aon duine
cloinne, do chaileag bhochd, aonarach ! nam bu leir
dhuit mi 'n so am measg choigreach, gun duine air
a 'bheil mi eòlach no dhùineas mo shùileaii l" — " A

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence