Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
a theachdaireaclid a chur an ceiU do na buachaill-
ibh, dh'llidg e iad, agus gu grad bha rnaille ris
cuideachd mhòr do armailtibh ìièimh «' moladh Dhè.
Cho'-aontaich iad anns an aon fhomi le co' sheirm
bhinn, a' seinn, Glòir do Dhia a?ins na h-àrdaibh, air
talamh sìth, agus deadh-ghean do dhaoinibh. 'Nuair
a chumiaic iad gu'n do thachair an ni a ghealladh o
cheann cheithir mìle bliadhna, anns an robh beachd
ùr air a thoirt doibh air gliocas agus tròcair Dhe',
thog iad an laoidh sin anns an cubhaidh dhuinne le
dealas naomh co'-aontachadh :
Seinneadh gach sluagh gu h-aon-sgeulach,
glòir ion-mholt' Dhe' bhith-bhuain ;
'S do'n chaithream eibhinn agus thròm
co'-fhreagradh fonn a's cuan.
Sgeul air Màiri d Ghlinne,
I. EARRANN,
B' ANN air feasgar ceud latha nabliadhn' ùire, mar
bha mi air mo cheum a' teachd a mach à Tigh-eirid-
inn ann am baile-mòr àraidh nach 'eil fad' o'n àite
'm bheil mi chòmhnuidh, a f huair mi a' cheud seall-
adh do Mhciiri a' ghhnne. 'S maith tha cuimhn'
agam air an latha. Bha cridhealas, sunnd, agus
gleadhar a mach air na sràidibh— aoibhneas air gacli
gniiis ; ach tre nan aitribh san robh mise, cha robli
r'a e'isdeachd ach osnaichean agus bròn, gearan agiis
caoidh. Chaidh mi le lighiche an tiglie troimh
gach seòmar, agus, da rireadh, bu chruaidh an cridlie
nach faigheadh aobhar-smuain agus cùis-bhròin anns
gach aon diubh. Tha cuid do na leapaichean so,
ars' an Hghiche, falamh an diugh, anns an robh
daoine an de' ; agus tha mòran an diugh ag osnaich
's an tigh so, a bhitheas 'nan cuirp gun deò mun tig

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence