Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
AN ROIMH-RADH
cnmadh nan rann. Cha 'n i an dòigh is fèarr air an fhirinn a thabhairt am
follais far nach leirsinneach air a' cheud shealladh i : beachd a thogail air
stèidh nach deimhinn ; agus cha b'e an ro-ghliocas a thug air Iain cuid de
obair Dhonnchaidh a cheartachadh far nach eil i mearachdach.
Is ann de ghnè eile obair Uilleim Iain Mhic Bhaltair, Oide-fòghluim nan
Cànain Ceilteach an Oilthigh Dhuin-eideann, mar a tha i air a foillseachadh
anns "An Deo-Grèine " agus anns an leabhar-sgoile d'an gairear " Bàrdachd
Ghàidhlig." BUadhna no dhà air ais thug esan làmh air ath-Utreachadh
dhàn a leabharain Mhic Rath, agus dh' fhoUlsich e iad so: xxxi., xxxiii.,
XXXV., xxxvi., xxxvii., xxxviii., xxxix. ; xlii., xlvi. Ma choimeasar toradh
oibre-san ri toradh m' oibre-sa bheirear fa 'n ear gur beag am miithadh a tha
eatorra, ged is gann a tha aon rann aige-san a' còrdadh gu buileach ris an roinn
cheudna agamsa.
Ged is luachmhor an solus a leig an t-OUamh Mac Bhaltair air nl is neach
mar dh' èirich iad anns na dàin roimh-ràite, agus nach bu mhisde sinn tuUleadh
dheth, is e mo bheachd-sa nach bu diobhail mhòr e na'n leigeamaid seachad,
seal, an t-sean " mheadarachd." Tha a' bhuannachd is àirde, tha mi a' meas,
r'a cosnadh le rannsachadh na daimhe a tha eadar a' Ghàidhlig thuathaich
agus a luchd-labhairt, air an dàma làimh, agus deasaich na h-Eireann agus an
dualchainnt a chleachd iad, air an làimh eile.
Ged nach fhaod e bhi gu'm bheil an obair a bhuihch mise air soilleireachadh
lamh-sgriobhainn Mhic Rath, no an obair a stèidhich mi air sin, aon chuid
foirfe no coimhhonta, 's e nothaist a theireadh gur beag 's gur diù i. Cha'n
eil innte ach tòiseachadh. Ach is da thrian tòiseachadh. Coimhlionadh
nis neacheiginn an treas trian.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence