Skip to main content

‹‹‹ prev (293)

(295) next ›››

(294)
272 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
robh e an cabhaig, ach gu'm feitheadh e far an robh
e gus am bitheadh i deas. An so thàinig a' bhean a
mach, agus thubhairt i nach rachadh i ceum leis mur
tigeadh e stigh, agus an gabhadh e greim bidh, Ach
chuir e 'na cuimhne ciod a thubhairt i r'a bhan-
mhaighstir an uair a thachair i oirre ann an riochd
muile-mhàg air an achadh bhuana; agus an sin thubh-
airt e nach faodadh i dol a cois a facail. Chunnaic i
gu'n robh i an sàs leis an ni thubhairt i, agus gu 'm
feumadh i falbh leis. Ach mu'n d' fhalbh i, gheall an
gille gu'n tugadh e dhachaidh gu sabhailt i an ceann
beagan laithean.
Chuir an tuathanach a bhean air cùl a' ghille; agus
cho luath is a fhuair i 'na suidhe an sin, air falbh 'na
dheannaibh ghabh an t-each glas a suas ri aodann a'
bhruthaich. Ann an ùine glè ghoirid ràinig e am
mullach, agus an sin thionndaidh e a aghaidh ri glomhas
mor a bha eadar am bruthach a dhirich e agus aon eile
a bha m'a choinneamh. An uair a thug bean an tuathan-
aich so fa-near, ghlaodh i ris a' ghille: "Ciod is ciall
duit? Am bheil thu an dùil gu'n leum an t-each an
glomhas sin." Ach mu 'n robh na briathran as a beul
chaidh an t-each thairis air mar eun air iteig. " Is
math a fhuaradh thu, a phiseag ghlas!" ars an gille
ris an steud a bha fodha. Chuir na briathran so iogh-
nadh air bean an tuathanaich ; ach, ma chuir, bu mhoide
a h-ioghnadh an uair a dh' amhairc i, agus a chunnaic
i nach robh anns an steud a mharcaich i fein agus an
gille, ach cat glas.
"A nis," ars an gille ri bean an tuathanaich, " tha
thu a' dol do Shithean, a tha goirid as a so, a
dh'fheitheamh air Ban-righ nan Sithichean; agus, mu'n
teid thu na 's fhaide, innsidh mi dhuit ciod is coir dhuit
a dheanamh, an uair a ruigeas tu e. Na bitheadh eagal
ort mo chomhairle-sa a ghabhail, oir cha'n e sithiche

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence