Skip to main content

‹‹‹ prev (277)

(279) next ›››

(278)
256 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
iarradh air, agus chunnaic e nis ni nach faca e gus a
sin, an aon sealladh bu bhrèagha a chunnaic e riamh air
feidh.
Bha Domhnull a ghnàth a' leantainn nam fiadh, agus
b' i a roghainn thar gach beinne-seilge a' Bhuidheinn-
each.
Air maduinn chiiiin mu bhristeadh an la, bha e 'na
shuidhe air aisridh nam fiadh 's a' bheinn le a ghunna
caol nach do dhiijlt riamh air a ghlùn, agus a' feitheamh
gus an teirneadh " a' ghreigh uallach " o mhullach na
beinne a dh' òl an dighe-maidne as na fuarain ghlana
a bha a' bristeadh a mach o thaobh an t-sleibhe fuidhe.
Mu dheireadh chunnaic e iad a' tighinn a mach as a*
cheò a bha a' falach a' chreachainn os a cheann, agus
Glaistig mhòr 'gan iomain roimpe. Ghrad thug i an
aire do'n t-sealgair, agus mu 'n d'thàinig a' chuid a
bha air thoiseach do na feidh an dlùthas urchair,
ghlaodh i ris: " Tha thu tuilleadh is trom air na
h-aighean agam-sa, a Dhomhnuill Mhoir. Cha'n fhaod
thu a bhi cho trom orra is a tha thu."
Bha Domhnull Mor deas-chainnteach, agus, le sin
chuir e seachad i leis an fhreagairt ullamh so: " Cha
do mharbh mi riamh agh far am faighinn damh." Leig
e na h-aighean seachad air, agus a' Ghlaistig 'nan
deidh, agus cha do chuir i tuilleadh dragha air.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence