Skip to main content

‹‹‹ prev (257)

(259) next ›››

(258)
236 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
agus a' siubhal le leithid de luathas is nach b' urrainn
Domhnull buachaille bochd, is e leth-mharbh leis an
eagal, a casan fhaicinn ag imeachd air an talamh.
Chum i air aig an ruith so ag cromadh agus a' spionadh
bad feòir le a fiaclan as an talamh gus an deachaidh i
as an t-sealladh.
Chaidh an Domhnull Mac Iain ceudna samhradh eile
do'n Bheinn Bhric le crodh Achadh-an-todhair. Ràinig
e am bothan-àiridhe aig Ruighe na Cloiche làimh ri
Uisge Chiarainn mu thràth feasgair. Air an
rathad thrus e ultach connaidh, agus thug e leis e do'n
bhothan. Chuir e an connadh an òrdugh air lie an
teinntein, ghlac e an asuin-theine, agus an deidh dha
teine bhualadh, thòisich e air a' chonnadh a lasadh.
Am meadhon na h-oibre so, bha leis gu'n cuala e
glaodh coimheach, air tùs fad air falbh, agus goirid an
deidh sin, moran na b' fhaigse. Mu dheireadh chuala
e an guth ceudna air taobh muigh an tighe ag radh:
"Heich: Ho! Thall !
An d' fhalbh am fear so thall fhathast."
Mu 'n gann a thionndaidh e a shùil an rathad a
thàinig an guth, dh' fhosgall an dorus agus sheas
Glaistig m'a choinneamh anns an fhosgladh. Ghlaodh
i mach: "A Dhomhnuill Mhiclain, bha mi air an
Uiriallaich an uair a chuir thu a' cheud srad 'san spong,
agus an Coire na Snaige an uair a ghabh an sop teine,
agus tha mi an so a nis an uair a tha an connadh a'
tòiseachadh air gabhail." " Is math a choisich thu, a
bheathaich bhochd," arsa Domhnull Maclain.
Thug i an so ionnsaidh air tighinn a stigh ; ach ma
thug, thug Deargan, cij a' bhuachaille, ionnsaidh oirre-
se. " Caisg Deargan, a Dhomhnuill Mhiclain," ars i.
Ghabh Domhnull Maclain air an cii a chasg, ach nach
b' urrainn e. " Ceangail do chij, a Dhomhnuill Mhic-
lain," ars i an sin. " Cha'n 'eil rud agam leis an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence