Skip to main content

‹‹‹ prev (177)

(179) next ›››

(178)
156 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
chunnaic is a chuala e am fad is a bha i air falbh. Air
an ath latha an deidh dhi dol do'n àite-mhòine, ghabh
e ubh, thug e am biadh as, lion e am plaosg le uisge,
agus chuir e taobh an teine e. Bha ioghnadh cho mòr
air a' bhodachan de'n ni a chunnaic e is gu'n do
thionndaidh e nail is gu'n d'thubhairt e: " Gu dè a
tha thu a' dol a dheanamh le sin, a Thàilleir? " " Tha
mi a' dol a theasachadh uisge a bhogadh bracha,"
ars an Tàillear. " Ma-tà tha mi còrr agus ceud
bliadhna dh' aois, agus gu so cha'n fhaca mi ballan-
uibhe a' dol a theasachadh uisge a bhogadh bracha,"
ars an duine beag, is e a' tionndadh a null agus a'
tòiseachadh a rithist air cluich air an fheadan
chonnlaich. Chum e ag cluich puirt an la roimhe gus
an cuala e a' bhean a' tighinn, agus an sin bha e aon
uair eile 'na leanabh beag.
Air an treas la dh' innis an Taillear do 'n
mhnaoi ciod air an robh e 'na fhianuis, agus a bharail
nach robh anns an leanabh ach sithiche. " Agus ciod
a ni mise ris?" dh' fheòraich a' bhean. " Thoir leat
e," ars an Taillear, " gus an t-eas 's a' choimhears-
nachd, agus tilg a sios e thar na bruaich do 'n uisge."
Rinn a' bhean mar dh' iarradh oirre. Ach cha bu
luaithe a bhean an leanabh do'n uisge na dh' fhàs e
'na dhuineachan beag, Hath. Dh' eirich e an sin
air a chasan ann an corruich mhoir, agus streap e suas
ri taobh cas an easa, a' bagradh dioghaltais air a'
mhnaoi, na'm beireadh e oirre. Ach chuir ise *sna
buinn cho luath is a b' urrainn i, agus cha d' amhairc
i 'na deidh gus an do ràinig i an tigh, far an d'fhuair
i a leanabh fein air a fhàgail aig an dorus roimpe.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence